Bèigneid
Coltas
Tha bèigneid neo beugaileid na sheòrsa sgian a chuirear air ceann feadan gunna. Bha iad cumanta sa linn Victorianach, ach chan eil san latha an-diugh. Anns na seann-làithean, bhitheadh gunnaichean gu math duilich ri lìonadh, agus bhitheadh ùine mhòr eadar gach losgadh – anns an ùine sin, b' urrainn do nàmhaid ionnsaigh a thoirt. B' ann ann an suidheachadh sin, agus “sabaid faisg”, a cleachdar bèigneid.