Bàta-slaodaidh
Is e bàta-smuid beag sònraichte ri tarruinn luingean mòra tro na seòlaidhean ri cidheachan de phort mhòr a tha ann am bàta-slaodaidh. Chaidh an togail agus cleachdadh an portaibh mhòr na h-Eòrpa bho mu dheidhinn 1820, mhàir iad tro atharrachadh mhalairt bho longan-sheòil gu longaibh-smuid, ach nuair a sgurr malairt thar chuain a shiubhal ann an longaibh bathair choitcheann re na 1960an agus thanaig mòr-longan sònraichte ri trachdadh fa-leth na h-aite, mòr-longan a bhiodh a' cleachdadh laimhrigean uisge domhainn, a chaidh air dealbhadh a thoirt cothrom do na mòr-longaibh seo a thig ris an laimhrig fo chumhachd na h-innlean aca fèin, chrion mhalairt nam bàtaichean-slaodaidh agus chaidh iad a-mach a bhi.
Tha àireamh bheag de bhàtaichean-slaodaidh fhadhast air an cleachdadh ach is e innealan Dhieseil a tha annta. Air barrachd tha iad torr nas motha agus nas cumhachd mhòr na bataichean-slaodaidh na 1950'n agus is e am prìomh obair aca a shlaodaich longan a tha an cunnart a dhol air creagan gu sabhailteas. Tha mar eisimplir 's an latha an diugh (2010), Steornabhagh na h-ionad de bhàta-slaodaidh de Seirbhis nan Maor-Chladaich, agus tha comas aig a' bhàta-slaodaidh suidhichte ann an Steornabhagh, An Anglian Prince, a libhrig tarruinn marbh de 150 tonna.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Naidheachdan 2012-06-12: Bàta-slaodaidh aʼ tilleadh a dh'Alba
- BBC Naidheachdan 2014-04-07: Feum air bàta-slaodaidh sna h-Eileanan
- BBC Naidheachdan 2014-10-08: Teine air bàta rèidio-beò
- BBC Naidheachdan 2014-10-30: Feum air bàta-slaodaidh “gun dàil”
- BBC Naidheachdan 2015-02-19: “Dearbhadh eile” air feum air bàta-slaodaidh
- BBC Naidheachdan 2015-06-17: Dànachd a dhìth a thaobh bàta-slaodaidh
- BBC Naidheachdan 2016-02-09: Bàta-slaodaidh a' Chost an Iar ‘deatamach’
- BBC Naidheachdan 2016-02-13: Dòchas fhathast mu bhàta-slaodaidh
- BBC Naidheachdan 2016-02-23: Cùmhnant aʼ bhàta-slaodaidh ga leudachadh
- BBC Naidheachdan 2016-07-14: “Ceum air slighe” gu bàta-slaodaidh
- BBC Naidheachdan 2016-12-21: Ievoli Black a' tighinn gu tuath (cùmhnant ùr airson seirbheis an Ceann a Tuath na h-Alba)