Ayot Saint Lawrence
Coltas
| Ayot St Lawrence | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Ceàrn | |
| Co-chomharran | 51° 50’ Tuath 00° 16′ Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Àireamh-shluaigh | 97 (2001) |
| Àireamh fòn | 01707 |
‘S e clachan agus parraiste bheag ann an cridhe Shasainn a th’ ann an Ayot St Lawrence. Chaidh am baile air a chlàradh anns an Domesday Book ann an 1086, nuair a bha 36 daoine a’ fuireach an seo.[1] Tha e suidhichte ann an àite gu math dùchasail faisg air an rathad M1 anns an sgìre Hatfield West anns an t-Siorrachd Hertfordshire, 37km air falbh bho Lunnainn, prìomh-bhaile na dùthcha, 134km bho Bhirmingham agus 6km bho Welyn Garden City.[2] Tha 97 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3] Chaochail an sgrìobhadair dràma George Bernard Shaw (1856–1950) anns a’ chlachan.