Atharrachadh na Gnàth-shìde
Theirear Atharrachadh na Gnàth-shìde no Blàthachadh na Cruinne no Teasachadh na Cruinne ris an àrdachadh ann an teas meadhanach thar uachdar na Cruinne air sgàth CO₂ agus gasaichean eile bhith a’ dol san aile bho bhith a’ losgadh gual agus òla – àrdachadh a thòisich timcheall air a’ bhliadhna 1850 agus a tha a’ sìor togail astair sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad.
Thathar an dùil ri duilgheadasan móra àiteachais ann an iomadh dùthaich agus acras agus gluasadan sluaigh, air sgàth atharrachaidhean gnàth-shìde leithid gainnead uisge, no cus uisge, no cus teasa, no cus fuachd no cus gaoithe. Chan urainnear bhith cinnteach ciamar a bhios an ghnàth-shìde ag atharrachadh anns gach sgìre fa leth. Dh’fhaodadh caochlaidean a thighinn air na mór-shruthan sàile sna cuantan móra a tha a’ toirt buaidh air an ghnàth-shìde mun timcheall. Thathar an dùil gun déid na mìltean de spèiseasan de lusan ’s de bheòthaichean à bith nuair a dh’atharraicheas an àrainneachd anns a bheil iad beò. Théid clàr na mara an àirde. Beagan an toiseach ach dona gu leòr gus sgrios a dhèanamh air eileanan ìseal sa Chuan Sèimh mar eisimpleir, air dùthchannan ìsle far a bheil na milleanan a’ fuireach agus air mór-bhailtean ìsle. An uair sin móran agus dha-rìreabh sgriosail nuair a leaghas an comhdadh deighe, cileameadairean de dhoimhneachd, a tha air Graonlainn. Nuair a thòiseachas an comhdach deighe a’ leaghadh, cha ghabh stad a chur air an leaghadh sin ann an dòigh sam bith.
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Bytesize: Atharrachadh na gnàth-shìde
- Gnàth-shìde - bileag-fiosrachaidh bho Riaghaltas na h-Alba (2014)
- Sreath shònraichte aig BBC Alba air Atharrachadh na Gnàth-shìde
- BBC Naidheachdan 2019-02-18: Atharrachadh na sìde: Dè th'ann (bhideo 3:12)
- BBC Naidheachdan 2019-02-19: Atharrachadh na sìde: Iomairtean (bhideo 2:46)
- BBC Naidheachdan 2019-02-21: Atharrachadh na sìde: Radaigeach (bhideo 3:54)
- BBC Naidheachdan 2019-02-22: Atharrachadh na sìde: Ola is cumhachd (bhideo 3:14)
- BBC Naidheachdan 2019-03-26: Buaidh na h-aimsire (bhideo:1:55 mu phìos ealain aig Taigh Chearsabhagh)
- BBC Naidheachdan 2019-12-03: Cunnart gum falbh an sneachd bhon Mhonadh Ruadh
- BBC Naidheachdan 2020-03-02: “Barrachd airgid” a dhìth a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde (a rèir Aonadh nan Tuathanach an Alba)