Aonach Thailteann
'S e fèis lùth-chleasan àrsaidh a bh' ann an Aonach Thailteann (no Áenach Tailteann ann an Seann Ghaeilge) ann an Èirinn. Chaidh an cumail eadar 632 RC agus 1169/1171 AD gus urram a thoirt do Thailtiu ach chrìon iad is chaidh iad à bith ri linn tìr-ghabhail nan Normanach.[1] Tha e ainmichte ann an Trecheng Breth Féne, làmh-sgrìobhainn às an 9mh linn far a bheil e ag innse gu bheil trì aonaich ann an Èirinn: Trí óenaig hÉrenn: óenach Tailten, óenach Crúachan, óenach Colmáin Ela.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an cur air bhonn ann an 632 le Rìgh Luaghaidh Lamhfáda gus urram a thoirt dha mhàthair-oide an dèidh a bàis. Thòisich iad air a' chiad latha dhen Lùnastal agus mhair iad fad seachdain, le lùth-chleasaichean o air feadh na h-Èireann a' tighinn còmhla gu sìtheil.[3]
'S e Rìgh Ruaidrí Ua Conchobair a chum an tè mu dheireadh ann an 1169, a' bhliadhna a ghabh na Normanaich os làimh Èireann.[4].
Thathar sa bheachd gur ann an Contae na Mì a chaidh an cumail, ann am baile air a bheil Tailtin an-diugh.
Ath-bheòthachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an ath-bheòthachadh grunn thursan, a' chiad turas sna meadhan-aoisean. A bharrachd air na geamannan fhèin, b' e seo an t-àm airson pòsaidhean deuchainn cuideachd, b' iad si pòsaidhean a mhaireadh bliadhna is latha agus bha iad seo laghail suas dhan 13mh linn. Tha Leabhraichean nam Britheamhan a' toirt iomradh air a’ ghnàthas seo cuideachd.[5]
Chaidh an ath-bheòthachadh a-rithist an uairsin san 20mh linn, a' chiad turas ann an 1924 ann am Páirc an Chrocaigh, le cead aig duine sam bith pàirt a ghabhail aig an robh sinnsireachd Èireannach. Chaidh an cumail a-rithist ann an 1928 is 1932 ach cha deach an cumail a-rithist an uairsin.[6]
Tha Athletics Ireland a' cumail fèis fon dearbh ainm an-diugh cuideachd.
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Watman, Melvyn History of British Athletics (1968) Hale ISBN 978-0709102557
- ↑ Stifter, D. Sengoídelc (2006) Syracuse University Press ISBN 0-8156-3072-7
- ↑ Aonach Tailteann (2007) Stiùiriche Donnacha Ó Briain TG4
- ↑ Cronin, Mike Projecting the nation through sport and culture (2003) Journal of Contemporary History, Vol. 38, No.3
- ↑ O'Donovan, J., et al. (deasaichean) Ancient laws of Ireland, published under direction of the Commissioners for Publishing the Ancient Laws and Institutes of Ireland. (2000) Buffalo, New York: W.S. Hein. ISBN 1-57588-572-7
- ↑ https://web.archive.org/web/20081006215058/http://www.hoganstand.com/general/ground/articles/0328033.htm Hoganstand