Anders Jonas Ångström
B’ e rannsachair ann am fiosaig agus reul-eòlaiche a bh' ann an Anders Jonas Ångström (/'an.ˈdəʂ ˈjuː.ˈnas ˈɔŋ.ˈstrøm/, Timrå 13 an Lùnastal 1814–Uppsala 21 an t-Ògmhios 1874). Fhuair e a chuid sgoil ann an Härnösand agus an uair sin chaidh dhan Oilthigh Uppsala. Tha e cliùiteach airson na h-obrach a rinn e air speactrasgòpachd agus chuireadh ainm dha aonad mheudachaidh ann am fiosaig, an t-ångström.[1]
Dh'obair e mar neach-amhairc aig Amharc-lann Uppsala far an do lorg e ann an àile na grèine haidridean agus rinn e mapa de speactram na grèine ann an 1868. Rannsaich e cuideachd na fir-chlis.[2]
Bhuannaich e Bonn Rumford a' Chomainn Rìoghail ann an 1872.[3]
Chaidh deuchainn-lann aig Oilthigh Uppsala ainmicheadh air is air a mhac, Knut Ångström.[4]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ (1997): “ångström”, ann an: McNaught, A. D. is Wilkinson, A.: IUPAC. Compendium of Chemical Terminology. Oxford: Blackwell Scientific Publications. Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2018.
- ↑ “Anders Ångström”, Physics Today. 13mh dhen Lùnasdal 2018. Air a thogail 10mh dhen Chèitean 2020.
- ↑ “Award winners: Rumford medal”. An Comann Rìoghail. Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2018.
- ↑ “Angström Laboratory”. Oilthigh Uppsala. Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2018.