An Tòb
An T-òb | |
An T-òb | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 57° 46′ 21″ T 7° 1′ 18I |
Comharradh-clèithe | NG015869 |
Feartan fiosaigeach |
Tha An T-òb[1] (Beurla: Leverburgh) na bhaile agus na phort anns na Hearadh. 'S e an dàrna baile as motha anns na Hearadh, an dèidh an Tairbeirt. 'S e port-mara airson aiseagan a tha ann. An sin tha seirbheis aiseagan a' ruith gu Beàrnaraigh le Caledonian Mac a' Bhriuthainn, a' ceangal na Hearadh ri Uibhist a Tuath.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an t-ainm Beurla a' dol o am Morair Leverhulme, a dh'ath-thog am baile sna 1920an. Chosg e £250,000 air plana port sgadan a thogadh, le taighean is factaraidhean ùra. Chan eil ach na rathaidean, an tùr uisge, buinn togalaich agus an stòr-uisge a' mairsinn an dèidh bàs a' Mhorair Leverhulme ann an 1925.[3]
Ainm a' bhaile
[deasaich | deasaich an tùs]Tha ainm a' bhaile a' tighinn on fhacal Lochlannais hóp "bàgh a tha cuingichte le tìr", an dearbh fhreumh 's a tha aig òb agus òban (cf. An t-Òban). A chionn 's nach toigh leis a' Ghàidhlig h aig toiseach facail, chaidh atharrachadh san dà àite ach air dà dhòigh eadar-dhealaichte. Ann an Earra-Ghàidheal, chaidh an /h/ a thoirt air falbh: hóp » òb ach anns na Hearadh, chaidh an /h/ a dhì-shèimheachadh gu /t/[4] ann am pròiseas ris an canar cruadhachadh.
Sin as adhbhar gu bheil an t- toisich a' leantainn ris an fhacal anns gach tuiseal, m.e. Fàilte gun Tòb, muinntir an Tòib is msaa. Tha e air a litreachadh An t-Òb gu mearachdach o àm gu àm.
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Leverburgh/An T-òb”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 16mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ “Leverburgh Port l Isle of Harris”. Caledonian Mac a' Bhriuthainn. Air a thogail 16mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ “Harris, Leverhulme”. Canmore. Air a thogail 16mh dhen t-Samhain 2017.
- ↑ Bauer, Michael Blas na Gàidhlig: The Practical Guide to Scottish Gaelic Pronunciation (2011) ISBN 978-1907165009 Akerbeltz