An deasbaireachd aig Uicipeid:Coinneachadh Uicipeid na Gàidhlig
Coltas
Air sgàth 's gu bheil mi ann an Dùn Èideann feasgar Dihaoine bu toil leam feuchainn Coinneachadh Uicipeid na Gàidhlig a chur air bhonn. Tha “meetups” gu math cumanta anns na Uicis eile agus na mo bheachd-sa 's e deagh chothrom a th' ann airson ceistean fhaighneachd is cuideachadh fhaighinn neo dìreach airson cabadaich is beachdachadh mun phròiseact bheag againne.
Ma bhios molaidhean eile aig daoine sam bith, is dòcha mun àite no àm coinneachaidh no rudeigin eile, carson nach sgrìobh sibh iad sìos an seo. --Sionnach (an deasbaireachd) 06:59, 10 dhen Dàmhair 2014 (UTC)