Jump to content

An Nás

O Uicipeid
An Nás
Suidheachadh
Dùthaich Èirinn
Ceàrn Còigeamh Laighean
Sgìre Contae Chill Dara
Co-chomharran 53° 13 00' Tuath
06° 39 00' Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 20,573 (2011)
Àireamh fòn + 44 (0) 45
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile meadhanach sa Chontae Chill Dara air an àirde an ear na h-Èireann a th’ ann Nás na Ríogh, Nás Laighean neo An Nás.[1] Tha e suidhichte faisg air Cill Dara fhèin, ri taobh na M7 aig 108m os cionn ìre na mara,[2] 203km air falbh bho Dhoire, 149 bho Bheul Feirste agus 31km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 20,573 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin agus mu 100,000 san sgìre air fad.[4] Tha Theobald Wolf Tone air a thìodhlacadh faisg air a’ bhaile, ann am Baile Uí Bhuadáin. ‘S e prìomh-bhaile na siorramachd a th’ anns An Nás agus an dàrna bhaile as motha na contae cuideachd.

Bailtean Fearainn

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 15 bailtean fearainn san Nás, mar a leanas:[5] Baile an Chradógaigh, Baile an Náis, Baile Osbert, Baile an tSigínigh, An Cloigín Gorm, An Gort Leathan, An Maidilín, Mhóin Réad Thiar, Mhóin Réad Thoir, Nás Sear, Nás Siar, Ploopluck, Ráth Oscair, An Seanbhaile agus An Seanbhaile (Demesne).

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. An Nás/Naas”. logainm.ie. Air a thogail 8mh dhen t-Samhain 2024.
  2. Mongabay
  3. Distance Calculator
  4. Kildare CPM
  5. Comhairle Chill Dara
  6. Omaha Sister Cities Association”. SHARE Omaha. Air a thogail 8mh dhen t-Samhain 2024.