An Drochaid Eadarainn

O Uicipeid
An Drochaid Eadarainn www.androchaid.ca

`S e `s prìomh amas làrach-lìn na Drochaide Eadarainn cultar agus beul-aithris Ghàidheil na h-Alba Nuaidh a chuir mu choinneamh luchd-ionnsachaidh, `s eile, mar a bh’ann `s na ceàrnan seo bho shean.

Cha bhitheadh comas air An Drochaid Eadarainn ann as aonais a' chaoimhneis `s taice a fhuaireadh aig uimhir do dhaoine a tha air a bhi làmh an sàs innte gu dìleas bho thoiseach gu ceann. Tha sinn gu mór `nan comain uileadh.

Lorgar prìomh-thùs Na Drochaide Eadarainn `s an tachartas Stòras a’ Bhaile. Tha Stòras `na sgoil shamraidh bheul-aithris air a cumail aig a’ Chlachan Gàidhealach as leth coimhersnachd na Gàidhlig. Stéidhichte air prionnsabalan com-pàirteachaidh Stòras a’ Bhaile, tha gnìomharran bogaidh Na Drochaide Eadarainn `gan suidheachadh air an aon bhonn. Tha e `na amas aig An Drochaid Eadarainn teigneolas an là an-diugh a chur gu feum mar thobar roimh-innleachdail a chumas seasmhach dualchas beò coimhearsnachdan na Gàidhlig anns an Albainn Nuaidh.

Ged `s ann a thogas neach Gàidhlig dhùthchasach gu leòr am measg duilleagan làrach Na Drochaide, `s e `s prìomh-chùis dhan làraich cultar agus beul-aithris Gàidheil na h-Albann Nuaidh a chuir mu choinneamh luchd-ionnsachaidh, `s eile, mar a bh’ann bho shean.

Nise, trobhad astaigh. Bidh do chuideachd `ga measadh luachmhor. www.androchaid.ca