An Cuan a Deas

O Uicipeid
Cuan-a-Deas
Southern Ocean.svg
cuan
Pàirt deWorld Ocean Deasaich
Ainm oifigeilSouthern Ocean Deasaich
Ainmichte às dèidhsouth, Antargtaga Deasaich
Dùthaichno value Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailAntarctic Treaty area Deasaich
LàrachSouthern Hemisphere Deasaich
Coordinates of northernmost point60°0′0″S 0°0′0″E Deasaich
Coordinates of southernmost point78°43′59″S 163°41′6″W Deasaich

'S e cuan a tha a' dol mun chuairt na h-Antartaig a tha anns a' Chuan a Deas neo Cuan Antartaigeach agus e an aon cuan a tha a' dol mun chuairt an saoghail. Tha a h-uile cuan eile, ach an Cuan Argtach, air a chrìoch a tuath.

Ann an 2000 mhìnich an International Hydrographical Organisation (IHO) an Cuan a Deas gu mì-oifigeil mar na marannan deas air 60° D agus tuath air an Antartaig fhèin. [1] Chan eil ranntairean ann ach an Antartaig ach tha na h-Eileanan Arcaibh a Deas, na h-Eileanan Shealtainn a Deas nam pàirtean dhen Antartaig. Chaidh iad a lorg le William Smith ann an 1819 agus George Powell ann an 1821.[2]

Nochd Cuan a Deas 36 millean bliadhna air ais nuair a dh'fhosgail Seòlaid Dhrake eadar an Antartaig is Aimearaga a Deas. Faisg air 60° D tha an Co-aomadh Antartaigeach. Tuath air an co-aomadh seo tha an t-uisge aig an uachdar 5.6 °C is deas air tha e 2 °C agus tha diofar mòr eadar na fàs-bheartan. Tha Sruth Chuairt-phòlarach na h-Antartaig, an t-sruth as treasa, as doimhne agus as fhaide san t-saoghal anns a' Chuan a Deas agus e gu math cudromach airson uisge anns na cuantan eile a mheasgachadh.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Southern Ocean”. CIA Factbook. Central Intelligence Agency, na Stàitean Aonaichte. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2023.
  2. Inspired by Scotland”. Ranntair Antartaigeach Bhreatainn. Air a thogail 8mh dhen Ghearran 2023.
  3. Welcome to the Southern Ocean”. Antarctic and Southern Ocean Coalition. Air a thogail 25mh dhen Fhaoilleach 2023.