Jump to content

A' Chlais Mhòr

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o An Clais Mór)
A' Chlais Mhòr
An Clais Mòr
Ainm Beurla: Clashmore

Map
58°13′27″N 5°20′54″W
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle A' Ghàidhealtachd
Coimhearsnachd Asainn
Siorrachd Cataibh
Paraiste Asainn
Sgìre Phàrlamaid na h-Alba Gallaibh, Cataibh agus Ros
Sgìre Phàrlamaid na RA Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear
Ainm
Roimhearach anns a' Chlais Mhòir
Ginideach muinntir na Claise Mòire
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh
Còd-puist IV27 4
An Clais Mòr ann an 1977

Tha a' Chlais Mhòr[1] no An Clais Mòr [2] (Beurla: Clashmore) na bhaile croitearachd ann an Asaint, Cataibh. Tha e suidhichte air Rubha an Stòir gu tuath air Baile a' Chladaich. Tha e mu 10 cilemeatair san àirde an iar-thuath Loch an Inbhir. Tha Druim na Claise san iar a' bhaile agus tha Loch na Claise faisg air anns an deas.

Chaidh a' Chlais Mhòr a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. Anns na 1870an bha mu 18 teaghlaichean a' fuireach anns a' bhaile chroitearachd seo. Aon latha bha an Duke of Sutherland ag iarraidh tuathanas ùr a chruthachadh anns an dearbh àite gus dòighean na b’ fheàrr a shealltainn do na daoine a bhith ag obair an talmhainn. Mar sin bha na teaghlaichean air an gluasad bhon talamh aca, chaidh trainnsean a bhùrachadh airson lighe a leigeil den uisge, agus thogadh feansaichean. Cha robh an tuathanas ùr soirbheachail, ach an uair sin thugadh seachad an tuathanas air mhàl do chuideigin eile agus cha d'fhuair muinntir an àite an talamh aca air ais. [3] Ann an 1992 cheannaich croitearan na Claise Mòire am fearann aca, agus chaidh Oighreachd Asaint a Tuath a stèidheachadh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Clashmore - A' Chlais Mhòr”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2026.
  2. Faclair SMO
  3. MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate, td 37 Stornoway:Acair. ISBN 0861522214

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]