Am Bràighe (iris)
Coltas
B’ e Am Bràighe iris Gàidhlig à Alba Nuadh a chaidh fhoillseachadh eadar an samhradh 1993 agus am foghar 2003. Nochd e mu cheithir tursan gach bliadhna ann am Màbu, Ceap Breatainn, Alba Nuadh.
Bha mu chairteal de na pìosan anns a’ Ghàidhlig agus a’ chuid eile sa Bheurla. Tha eisimpleirean air loidhne aig Nova Scotia Historical Newspapers Online.