Jump to content

Alistair MacLean

O Uicipeid
Alistair MacLean
Beatha
Ainm slàn Alistair Stuart MacLean
Breith Baile Nighean Sheadna, 21 dhen Ghiblean 1922
Dùthaich  Alba
Àite-fuirich An Eilbheis
Deimhidh
Bàs München, 2 dhen Ghearran 1987
Àite-adhlacaidh Old Cemetery of Céligny (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (greim-cridhe)
Teaghlach
Athair Alistair Maclean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Hillhead High School (en) Translate
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, neach-teagaisg, sgrìn-sgrìobhaiche agus beatha-eachdraiche
Obraichean comharraichte The Guns of Navarone (en) Translate
Far-ainmean Ian Stuart
Gnè ealain nobhail driod-fhortain
Seirbheis san arm
Meur an airm An Cabhlach Rìoghail
Strì An Dàrna Cogadh
IMDb nm0533745

B’ e sgrìobhaiche a bh’ ann an Alistair MacLean (ainm Gàidhlig Alasdair Stiùbhart MacGillEathain, Glaschu, 28 an Giblean 1922München, 2 an Gearran 1987) a thog cliù dha fhèin mar sgrìobhadair de nobhailean mar “The Guns of Navarone” agus “Where Eagles Dare”. Sgrìobh e cuideachd fon ainm Ian Stuart. Bha Gàidhlig aige.[1]

Rugadh Alistair MacLean ann an Glaschu far an robh athair ag obair mar mhinistear ach chuir e seachad a chuid as motha de dh'òigridh ann an Deimhidh, mu 10 mìle taobh a deas Inbhir Nis.

Ghabh e dreuchd mar sheòladair còmhla ris a' Chabhlach Rìoghail ann an 1941 agus e a' gabhail pàirt san Dara Cogadh Mòr mar “Ordinary Seaman”, “Able Seaman” agus “Leading Torpedo Operator”. Dh’obraich e an toiseach air a' bhàta PS Bournemouth Queen faisg air costa Bhreatainn agus an dèidh 1943 bha e air bòrd am HMS Royalist. Air a' bhàta seo ghabh e pàirt ann an sabaid no dhà ann an 1943 sa Chuan Siar, Muir Lochlainn agus ann an 1944 sa Mhuir Mheadhanach mar phàirt de dh’ionnsaigh air taobh a deas na Frainge. Ghabh an Royalist pàirt ann an sabaid sa mhuir Aegean cuideachd agus mu dheireadh, an 1945, chaidh am bàta a chuir a dh’Aisia gus sabaid an aghaidh Iapan agus Breatainn ann am Burma, Malaya agus Sumatra.

Dh’fhàg Alistair MacLean an Cabhlach Rìoghail an 1946 agus ghabh e àite aig Oilthigh Ghlaschu, a fàgail ann an 1953 le ceum ann am Beurla. An dèidh sin thog e dreuchd mar maighstir-sgoile san Ruaidh Ghleann. Mar oileanach thòisich Alistair MacLean air sgeulachdan ghoirid a sgrìobhadh gus rud beag airgid a chosnadh, agus bhuannaich e co-fharpais ann an 1954 le sgeulachd muireil leis an ainm “Dìleas”. Thug am foillsichear Collins cuireadh thuige airson nobhail a sgrìobhadh agus 's ann an uair sin a chruthaich e an leabhar “HMS Ulysses”, mu na thachair ris fhèin sa chogadh (le rud beag taic is fiosrachadh bho a bhràthair Ian a bha na Master Mariner). Reic an nobhail gu leòr agus cha robh fad sam bith gus am b’ urrainn do MhacGillEathain dreuchd a ghabhail làn-ùine mar sgrìobhadair.

Phòs MacGillEathain dà thuras agus bha triùir mhac aige leis a chiad bean. Chaochail e ann am München ann an 1987.

Leabhar-chlàr

[deasaich | deasaich an tùs]
Bliadhna Tiotal Fiosrachadh eile
1955 HMS Ulysses
1957 The Guns of Navarone
1957 South by Java Head
1959 The Last Frontier
1959 Night Without End
1961 Fear is the Key
1961 The Dark Crusader
1962 The Golden Rendezvous
1962 The Satan Bug mar Ian Stuart
1962 All about Lawrence of Arabia
1963 Ice Station Zebra
1966 When Eight Bells Toll
1967 Where Eagles Dare
1968 Force 10 From Navarone
1969 Puppet on a Chain
1970 Caravan to Vaccarès
1971 Bear Island
1972 Alistair MacLean Introduces Scotland deisichte le Alastair Dunnett
1972 Captain Cook
1973 The Way to Dusty Death
1974 Breakheart Pass
1975 Circus
1976 The Golden Gate
1977 Seawitch
1978 Goodbye California
1980 Athabasca
1981 River of Death
1982 Partisans
1983 Floodgate
1984 San Andreas
1985 The Lonely Sea Sgeulachdan goirid
1986 Santorini


  1. War Is Hell, but It Pays Off for MacLean: War Pays Off for MacLean War Pays Off for MacLean War is Hell, but It Pays Off for Alistair Johnstone, Jain. Los Angeles Times 17 December 1972: p1.