Jump to content

Alasdair Camshron (Bàrd Thùrnaig)

O Uicipeid
Alasdair Camshron (Bàrd Thùrnaig)
Beatha
Breith Inbhir Àsdail, 1848
Dùthaich  Alba
Bàs 1933
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd bàrd
Carragh-chuimhne Bhàrd Thùrnaig

Bha Alasdair Camshron (Bàrd Thùrnaig) (1848-1933) ’na bhàrd Gàidhlig, agus bhuin e do Thùrnaig ann an Taobh Siar Rois. Bha e ainmeil, cha b' ann a-mhàin airson a bhàrdachd, ach cuideachd air an eòlas a bh' aige air croitearachd, cuspair a thug buaidh mhòr air a bhàrdachd. Rugadh e ann an 1848 ann an Inbhir Àsdal air bruaich an iar Loch Iùbh. Fhuair e bun teagaisg aig sgoil na h-Eaglaise Saoire mus do thòisich e ag obair aig O. H. MacCoinnich ann an Inbhir Iùbh (bràthair Sir K MacCoinnich à Geàrrloch), agus dh'fhuirich e ag obair an sin fad 40 bliadhna. Ghabh MacCoinnich gnothach ri foghlam a' Chamshronaich òig, a' toirt dha an cothrom foghlam ceart fhaighinn gus an robh e sgileil a' sgrìobhadh an dà chuid, Gàidhlig is Beurla.

Thàinig Camshron gu bhith na bhàrd aig an robh cliù: nochd grunn phìosan bàrdachd leis sna pàipearan aig tuath agus dh'aithris e feadhainn de a dhàin do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis. Cha robh a bhàrdachd idir a' beantainn do chùisean poilitigeach no de dh'aoir ach 's ann mu chuspairean dùthchail a bha a rannan.

Sa bhliadhna 1926, chaidh leabhar fhoillseachadh l’a chuid obraichean “Am Bàrd: Òrain, Sgriobhaidhean agus Litrichean”, agus air an deasachadh agus air an cur a-mach le Iain MacAlasdair Moffatt-Pender.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]