Al Pacino

O Uicipeid
Al Pacino
Beatha
Ainm slàn Alfredo James Pacino
Breith Manhattan (en) Translate, 25 dhen Ghiblean 1940
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Teaghlach
Càraid Beverly D'Angelo
Lucila Solá (en) Translate
Noor Alfallah (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam HB Studio (en) Translate
Fiorello H. LaGuardia High School (en) Translate
Herman Ridder Junior High School (en) Translate
Institiuid Tèatar is Film Lee Strasberg
Actors Studio (en) Translate
Wake Forest Department of Theatre and Dance (en) Translate
Cànain Beurla
Luchd-teagaisg Lee Strasberg (en) Translate
Herbert Berghof (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd riochdaire fhilmichean, actair film, actair àrd-ùrlair, actair telebhisein, actair, stiùiriche agus sgrìn-sgrìobhaiche
Àirde 168 centimetre
Obraichean comharraichte The Godfather (en) Translate
Scarface (en) Translate
Serpico (en) Translate
Scent of a Woman (en) Translate
Dog Day Afternoon (en) Translate
Heat (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
SAG-AFTRA (en) Translate
Creideamh
Creideamh Latin Church (en) Translate
agnostachd
IMDb nm0000199

Tha Al Pacino (Eabhraig Nuadh, 25 an Giblean 1940)[1] na chleasaiche ainmeil Ameireigeanach, a dh'fhàs cliùiteach as dèidh sreath de dh'fhilmichean mìorbhaileach aig toiseach nan 70an, Dog Day Afternoon, Serpico, ach gu h-àraidh The Godfather, far an do chluich e Micheal Corleone. Chluich e Micheal da uair eile anns The Godfather Part II agus The Godfather Part III.

Ged a tha cliù aige mar fear dhe na cleasaichean as fheàrr a bha ann a-riamh, agus bha e air a mholadh sia tursan airson Duais an Acadamaidh, cha d' fhuair e greim air 'Oscar' gus 1991 airson Scent of a Woman far an do chluich e seann saighdear dall.

As dèidh Revolution ann an 1985, film èiginneach mu dheidhinn Cogadh Neo-eisimeileachd nan Ameireaganach, sguir e dheth filmichean a dhèanamh. Ach thill e anns na 90an, far an do nochd e ann an sreath de dh'fhilmichean, 's ged nach robh iad cho math ris a' chuid a rinn a chliù anns na 70an, dhearbh iad àite Phacino mar chleasaiche chudtromach.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Al Pacino”. IMDb. Air a thogail 25mh dhen Ghiblean 2018.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: