Ailig Dòmhnallach (craoladair)

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Ailig Dòmhnallach (craoladair)
Beatha
Breith Scarasta, 1933
Dùthaich  Alba
Bàs 2017
Dreuchd
Dreuchd pearsa rèidio agus neach-teagaisg
Fastaichean BBC Scotland

Bʼ e craoladair ainmeil air Radio nan Gàidheal a bha ann an Ailig Dòmhnallach, “Ailig Hearrach” (1933(?)-2017), bràthair don chraoladair Finlay J Dòmhnallach. Rugadh is thogadh e ann an Sgarastadh anns na Hearadh.

Bha e ainmeil na òige airson cho fut 's a bha e mar lùth-chleasaiche, agus b' e sin a thagh e mar dhreuchd, a' teagaisg lùth-chleasachd is PE anns na Hearadh an toiseach 's an uairsin ann an Inbhir Nis. ʼS iomadh prògram a lìbhrig e air BBC Radio nan Gàidheal fad iomadh bliadhna. Bha e gu sònraichte aithnichte air Na Dùrachdan, ach bha e an sàs ann an Aithris na Maidne cuideachd aig aon àm, agus prògraman leithid Cuireamaid Ceist is Fonn is Aria. Chuir Ailig seachad bliadhnaichean ann an Inbhir Nis far an do thog e fhèin agus a bhean Sheila dithis mhac. Chaochail e sa Mhàirt 2017 an déidh dha bhith tinn fad greis.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]