Aicseam

O Uicipeid

’S e aicseam gach ràdh, tagradh no riaghailt aig bun siostam foirmeil. Tha am fìrinn aige soilleir mar thà, gun fheum dearbhaidh, no ’s e barail a th’ ann a tha furasta ghabhail ris gun dhearbhadh. Mar eisimpleir, ma tha A agus B co-ionann, agus tha B agus C co-ionnan, nuair sin tha A agus C co-ionnan. Tha eòlas eile stèidhichte air grunnan aicseaman.

Tha dà sheòrsa aicseim ann am matamataig: aicseam rianais agus aicseam às-rianais. Tha aicseaman rianais freagarrach do shiostam sam bith. Mar eisimpleir, ma tha x na chaochladair ann an siostam air bith, is dligheach am foirmle:

x = x

Tha aicseaman às-rianais freagarrach don dàrna siostam gun a bhith freagarrach do shiostam eile. Mar eisimpleir, ma tha x agus y nan àireamhan, tha e fìor gu bheil:

xy = yx

Ma tha x agus y nam meatragsan, chan eil seo fìor idir.