Aibidil nan craobh

O Uicipeid

’S e làmh-sgrìobhainn anns an t-sean Ghàidhlig a th’ ann In Lebor Ogaim. Chaidh fiosrachadh air aibidil ogaim a sgrìobhadh ann. B’ e siostam sgrìobhaidh a bh’ ann an ogam. Bha fichead samhlaichean no litrichean anns an t-siostam seo a chaidh an dealachadh ann an ceithir buidhnean. Thathar ag ràdh gun robh iad air an cruthachadh eadar an dàrna is an 4mh linn ach chan eil sinn cinnteach. Lorgaidh sinn iad air an snaigheadh air clachan ach tha sinn a’ creideamh gun deach an sgrìobhadh air fiodh cuideachd.[1]

’S e buidheann de shneagan a th’ ann an gach samhla. Bhiodh iad snaighte air an làimh dheis no chlì de loidhne fhada. Tha cuid a’ dol dìreach no tarsainn thairis an loidhne. `S e dotagan a th’ anns a’ bhuidheann mu dheireadh.[2]

Tha na clachan sinn air an sgaoileadh air feadh Bhreatainn is Èireann. Anns an leabhar, In Lebor Ogaim leughaidh sinn gu bheil ainm air gach litir ogaim is gu bheil iad uile nan ainmean craoibhe. Ach, chan eil iad uile nan ainmean craoibhe air a bheil fios againn anns an latha an-diugh, cha motha a thaobh fiosrachaidh eachdraidheil. Rinn làmh-sgrìobhadh eile, Auraicept na n-Éces iomradh air In Lebor Ogaim is dh’aithris e cuideachd am beachd gu bheil a h-uile ainm litreach ogaim na ainm craoibhe.

Tha an t-ainm air gach litir clàraichte anns na leabhraichean Auraicept na n-Eces, còmhla ri trì buidhnean de “kennings” (cuairt-labhairt). Tha iad beagan coltach ri tuairmse ann an tòimhseachan-tarsainn. Thàinig na cuairtean-labhairt bho Ghàidhlig Àrsaidh - linntean ro na leabhraichean seo. Tha tòrr deasbaid ann mu bhrìgh na cuairtean-labhairt sin.[3] A thaobh ainmean nan litrichean, gu soilleir, ’s e ainmean craoibhe a th’ann an sia, no ’s dòcha ochd dhiubh, is tha na cuairtean-labhairt an lùib, freagarrach dhan bhrìgh seo.[4]

Tha grunn sgrìobhadairean air a’ bheachd gu bheil cuid de na h-ainmean a’ bruidhinn mu fheart na craoibhe an àite an ainm fhèin. Sgrìobh Mac Coitir artaigil a dh’fheuchas fianais a thogail air an teòraidh seo. M.e. bha an t-ainm `luis’ air an dàrna litir anns an aibidil, is tha ‘luis’ a’ ciallachadh ‘dearrsadh’. Sgrìobh Mac Coitir gu bheil an t-ainm seo a’ dèanamh iomradh air a’ chaorann, leis na dearcan ruadh aige a tha a’ deàrrsadh glan. A’ bharrachd, sgrìobh Mac Coitir, gu bheil gach aon de na ceithir buidhnean shamhlaidhean a’ dèanamh turas tro na ràithean - aon chraobh aig gach ràith is aon a’ bharrachd. Thuirt e gu bheil ceangal làidir eadar an caorann is Naomh Brìde is an fhèis aice, Imbolc, a tha air a comharrachadh anns a’ Ghearran. ’S e samhla Naomh Brìde a th’anns an las. Tha dà de na trì cuairtean-labhairt a’ bruidhinn mu chrodh is sgrìobh Mac Coitir gu bheil an crodh feumach air taic anns a’ Ghearran – an t-àm nuair a bheireas iad. [5] Leanaidh Mac Coitir argamaidean coltach ri seo a thaobh a h-uile litir nach d’ fhuair gu soilleir ainm craoibhe.

Air an làimh eile, sgrìobh McManus, nach eil fianais cheart a thaobh a’ cheangail eadar an caorann no craobh sam bith is an t-ainm ‘Luis’. Creididh e gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh an dàrna cuid, ‘lus’ no ‘loise’ – am facal Gaeilge airson ‘dreòs’. Thuirt e nach e ach siostam gleus cuimhneachaidh (‘mnemonic’) a bh’ ann na h-ainmean seo. Chan eil feum sam bith a bhith a’ lorg ceangal eadar ainmean litrichean is ainmean craoibhe.[6]

Chaidh na h-ainmean seo a chruthachadh airson litrichean ogaim, ach, mar a chanas McManus, “[the letter names derived from ogam] long outlived the usefulness of the Ogam script itself and served as the standard nomenclature (names) for Irish letters from the earliest period for which we have information right up to .... the seventeenth century’.[7] Tha Gàidhlig na h-Alba a’ cleachdadh an aon aibidil is ainmean litreach cuideachd.

Air an dàrna làimh, ’s e beachd brèagha a th’ ann an aibidil nan craobh. ’S e artaigil tarraingeach a th’ aig Mac Coitir air a’ chuspair seo. Tha e a’ deasbad nam beachdan aig McManus. Ach, ’s dòcha gu bheil e ag iarraidh cus mac-mheanma gus an argamaid a chumail suas. Air an làimh eile, ’s e artaigilean glè sgoileireil a th’anns an dà fhear le McManus. Sgrìobh e ‘It has become a commonplace of Irish scholarship to regard all the Irish letter-names as names of trees and no other aspect of Irish letters has contributed more to the derailment of a serious study of the history of Ogam than this.’[8]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mac Coitir 2003:154
  2. McManus 1986: d. 12
  3. McManus 1988:d. 130-149
  4. McManus 1988 d.150-151, 154-155, 161-165
  5. Mac Coitir d. 164
  6. McManus 1986:d.29
  7. McManus 1988:d 128
  8. MacManus 1988:d. 129

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  • Mac Coitir, Niall (2003): Irish Trees – Myths, Legends and Folklore. Èirinn: The Collins Press, td. 13-14. 
  • McManus, Damian (1986): “Ogham: archaising, orthography and the authenticity of the manuscript key to the alphabet,” ann an: Ériu, td. 1-31, 37.
  • McManus, Damian (1988): “Irish letter names and their kennings,” ann an: Ériu, td. 39, 127-168.