Achadh Muthaich
Tha Achadh Muthaich na bhaile beag iasgaich ann an Aonghas, Alba, trì mìltean an ear-thuath air baile Obar Bhrothaig. Tha e na shuidhe air mullach creige de chlachan-gainmhich Deabhonach mu 120 troigh os cionn geodha is cladach moil.
Faodar dèanamh a-mach gu bheil an dàrna eileamaid den ainm aige, 'muthach', a' buntainn do na faclan buachaill, buaghair is bùthair (Gàidhlig Arainn) a tha uile a' freumhachadh ann am "bó". Is e seann-ainm air buachaill a' chruidh a th' ann am 'muthach'.
Ged as e Obar Bhrothaig a tha an-diugh aithnichte airson nan adagan smocte aige, chaidh na h-adagan a rèisgeadh o thùs le iasgairean Achadh Muthaich, gus an do dh'imrich na teaghlaichean iasgaich air fad a dh'Obar Bhrothaig le cuireadh o bhàillidhean a' bhaile sin agus gealltanas gum faigheadh iad fearann is caladh a' bhaile dhaibh fhèin.
Ainmean is Sloinnidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Thug muinntir Achadh Muthaich leotha an cainnt is cleachdaidhean don choimhearsnachd timcheall caladh Obar Bhrothaig ris an canar Fit o' the Toun. Ri linn a' chleachdaidh frith-ainm a thoirt air daoine air an robh ainm ceudna, gheibhear sloinnidhean an-diugh leithid Spink (a' ciallachadh 'sùrdail, lùthmhor') is Swankie (on fhacal 'swank') a bhite ag ràdh ri neach air an robh an fhearas-mhòr.
Bainnsean
[deasaich | deasaich an tùs]Bhiodh còmhlain bainnse à Achadh Muthaich a' coiseachd on bhaile gu ruige Cill Fheichin le fìdhlear air an ceann. Bhite a' gabhail drama is a' dannsadh le sogan orra fad an slighe chun na h-eaglaise.
Bailtean | Achadh Muthaich • Baile Fharfair • Baile an Fhraoich • Birkhill • Breichinn • Bruach Tarbha • Càrn Ùstaidh • Càrn Mhìlidh • Ceann a' Mhonaidh • Ceathramh Mhoire • Cill Fheichin • Clàbha • Craichie • Drochaid Chreag Ìle • Dùn Dèagh • Dùn Neachdain • Earlaidh • East Haven • Èigil • Farnell • Glamas • Guthrie • Inbhir Chìollair • Kingsmuir • Letham • Newtyle • Memus • Menmuir • Monadh Fotha • Monadh Rois • Obar Bhrothaig • Obar Eilid • Obar Leamhnach • Ruadhainn • Srath Chatara • Srath Mhàrtainn • Tèalainn • Unthank |
Beanntan | Dris • Glas Maol |