Acair (talamh)

O Uicipeid

Is e acair tomhas fearainn co-ionnan ri 20 de slabhraidh cheàrnach air neo 4,840 slat ceàrnach. Is e a tha ann an slabhraidh (neo slabhraidh-ghuinteir) aonad faid co-ionnan ri 66 troigh, neo 1/80mh mìle. Tha an slabhraidh-ghuinteir co-ionnan ri 20.117m.

Mar sin, is meud acair do phìos fearainn ceithir cearnachd a tha mu 40m de leud agus 200m a dh'fhaid (40m x 200m). Is e a tha ann an heactair, ceàrnag fearainn a tha 100m x 100m (=10,000m2). Mar sin tha beagan nas lugha na 2.5 acair ann an heactair.