Jump to content

A' Cheò na h-Abhalon

O Uicipeid

Teamplaid:Infobox Book

'S e A' Cheò na h-Abhalon a th'ann an ùr-sgeulachd 1979 le Marion Zimmer Bradley, anns a aithrisidh i na Fionnsgeulan Artair bhon fhradharc nam mnathan na sgeulachd.

Fosgladh gnìomhadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an cridhe na sgeulachd air Morgaine (gu tric air chantainn ri Morgan a' Bhean-shìdh ann an sgeulan eile), a th' air nochdadh le Bradley cho bean a' dèanamh spàirn a shàbhaladh a dualchas prìomh-mhàthaireil Ceilteach air tìr far a tha Crìosdaidheachd prìomh-athaireil a' bagradh a mhilleadh an dòigh-beatha draoidheach. Nì an leabhar iomraidhean cuideachd do na beathannan de Gwenhwyfar (Guinevere), Viviane, Morgause, agus mnathan eile a tha gu tric air bruthadh a thaobh ann an aithrisean eile nan sgeulan. Tha an Rìgh Artar agus na Marcaichean am Bùird Chuairtich 'nam caractaran-taicidh, an àite prìomh-charactaran.

Tha A' Cheò na h-Abhalon ann am coimeas cruaidh ris na h-aithrisean eile nan sgeulan Artarach, gun nochd Morgaine gu co-sheasamh cho badhbh no ban-draoidh olc, cèin, faoin; gun breithneachadh fìor air fhaighinn (no air iarraidh) air a gràin. Sa' chùis seo, tha Morgaine air dealbhadh cho bean neartmhor, dòrainneach a tha tiodhlacan agus dleasnasan àraide aig ùine chiothnachaidh uabhasach an t-sluagh-iùil agus a' chreideimh fad a gairme a dhìonadh a dualchas dùthchasach, prìomh-mhàthaireil an aghaidh nam cothrom neo-chomasach. Tha A' Cheò na h-Abhalon a' seasamh cho dealachadh airson ciall boireann-dhligheach de fionnsgeulan air socrachadh air fir leis an labhairt air na fiosrachaidhean nam mnathan aig àm de atharrachadh mòr, a' ghabhail a-staigh am mùthadh an neart nam gnè. Tha dealbh air thoirt air na blàran, tòrachdan, agus an strì an riaghladh Artair cho bunabhas-taicidh ris na beathannan nam mnathan. Tha air aithris an sgeulachd ann an ceithir earrann mòra, Leabhar a h-aon: Bana-mhaighsir na Draoidheachd, Leabhar a dhà: An Àrd-Bainrìgh, Leabhar a trì: An Rìgh an Daimh, agus Leabhar a ceithir: An Ciomach 'san Darach.

Bha an ùr-sgeulachd 'na buaidh air a foillseachadh ann an 1983 agus tha i mòr-chòrdte air a mhaireann dhan dh'àm làthaireil. Bradley later expanded the book into the Avalon series.

Giorrachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Bradley mu leabhar

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Morgaine - Seanchaidh, bana-ghaisgeach. 'S e an nighean Igraine agus Ghorlois a th'innte.
  • Wthyr Bendragon An t-athair Artair.
  • Igraine A' mhàthair Mhorgaine agus Artair.
  • Gorlois An t-athair Mhorgaine.
  • Rìgh Artar An leth-bhràthair Mhorgaine.
  • Gwenhwyfar
  • Lancelet Am mac Viviane, air bhreith cho Galahad.
  • Mordred Am mac Artair agus Mhorgaine, air bhreith cho buil mholaidh Bhealltainne nuair cha d'rinn iad aithne air a chèile.
  • Morgause A' phiuthar nas òige Viviane agus Igraine.
  • Patricius
  • Elaine
  • Viviane A' Bhaintighearna na h-Abhalon agus a' phiuthar nas sine Igraine agus Mhorgause.
  • Taliesin (Am Meirlin na Breatainn)
  • Kevin (Am Meirlin na Breatainn)
  • Raven Ban-sagart na h-Abhalon.
  • Accolon
  • Nimue
  • Niniane

Cùisean mòra

[deasaich | deasaich an tùs]

Cudthrom litreachais

[deasaich | deasaich an tùs]