Jump to content

Zaragoza

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 01:54, 19 dhen Chèitean 2023 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.4)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Zaragoza
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Zaragoza
Sgìre Aragón
Co-chomharran 41° 39' 00 Tuath
00° 53' 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 973.78 km²
Àireamh-shluaigh 666,058 (2010)
Dlùths 683.99/km²
Àireamh fòn + 34 965
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr anns an Spàinn a tha ann an Zaragoza (IPA: θaɾaˈɣoθa sa' Bheurla: Zaragoza no Saragossa). Tha e na phrìomh-bhaile an Zaragoza agus an mòr-roinne Aragón.

Freumhan an ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e coltach gur ann à Caesaraugusta[1] ann an Laideann a tha an t-ainm, air sàilleabh gu robh am baile air a stèidheachadh le Octavius Augustus airson seann shaighdearan nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach.[2] Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean gu Zaragoza ann an Catalanais (k → s) agus fiù 's nas fhaide na sin ann an Spàinntis (k → s → θ).

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[3] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[4]

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Zaragoza.[5] Cha do thuit ach 322mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 851mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[6] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Sivan, Keay H.S., Mathisen R, Talbert R., Gillies S., Åhlfeldt J., Becker J., Elliott T., Places: 246344 (Col. Caesaraugusta), Pleiades.
  2. Fatás G., Guía Histórico-Artística de Zaragoza, Zaragoza, Institución «Fernando el Católico»-Ayto. de Zaragoza, 2008, ISBN 978-84-7820-948-4.
  3. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  4. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  5. Aemet
  6. Aemet
  7. Femp