Jump to content

Ōwakudani

O Uicipeid
Ōwakudani
gleann, volcanic landform
DùthaichIapan Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailHakone Deasaich
Anns a’ sgìre-ghléidhteachaisFuji-Hakone-Izu National Park, Hakone Geopark Deasaich
Suidheachadh cruinn-eòlaisMount Hakone Deasaich
Domhan-leud is -fhad35°14′31″N 139°1′14″E Deasaich
A ruigsinnOwakudani can be reached by cablecar from Sounzan or by ropeway from the lake. Deasaich
Map

S e Owakudani (大涌谷, Gleann Mòr Goileach) no Owakuzawa cruinn-shloc a dh’fhàgadh ann le spreadhadh deataich (phreatic) anabarrach mòr bho chionn mu thrì mìle bliadhna. Tha e suidhichte ann an Hakone, Kanagawa san Iapan.

Tha gasaichean fumaroileach a’ sgaoileadh haidroidean sulphaighd is sulfar dà-ogsaid puinnseanta às a’ chruinn-shloc fhathast. Le sin, chan eil nasg na tìre san sgìre seo ach brisg, lag air sgàth an sgaoilidh fhumaroilich seo, agus e ʼna adhbhar do dh’iomadach maoim-talmhainn san aimsir a dh’fhalbh.

An 1910, bha maoim-slèibhe fharsaing ann air sgàth dile mhòr a thug air grùid sleamhnachadh sios gu ruige bruaichean Abhainn Hayakawa ʼs ag adhbhrachadh tubaist mhòr san deach mòran dhaoine a chall. Chun an-diugh fhèin, ʼs tric a bhios maoimean-slèibhe a’ tachairt air an taobh seo dhen bheinn.

Mar dhòigh air mòr-thubaist eile a bhacadh, tha riaghaltas sgìre Kanagawa a’ gabhail contra-cheumannan leithid obraichean gus smachd a chumail air crìonadh na talmhainn, agus lìnigeadh nan slèibhtean le clachan, is obair bòraigidh is acrachaidh.