Ēxcān Tlahtolōyān

O Uicipeid
Ēxcān Tlahtolōyān
 
 
 
14281521  
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1428
Bliadhna mu Dheireadh 1521
Prìomh-Bhaile Tenōchtitlan
Càna(i)n Oifigeil Nahuatl
Farsaingeachd 220,000 km2
Àireamh-shluaigh 20,000,000 (1520)
Dlùths 90.91/km2

B' e dùthaich ann an Aimearaga a Tuath a mhair bho 1428 gu ruige 1521 a bh' ann an Ēxcān Tlahtolōyān air neo Impireachd nan Aztec (IPA: ˈjéːʃkaːn̥ t͡ɬaʔtoːˈlóːjaːn̥). Bha i suidhichte far a bheil Meagsago agus Guatamala an latha an-diugh. Chaidh Ēxcān Tlahtolōyān a stèidheachadh ann an 1428 nuair a thàinig trì stàitean beaga ri chèile: Mexico-Tenochtitlan, Tetzcoco agus Tlacopan. Thàing Ēxcān Tlahtolōyān gu crìoch gu h-obann ann an 1521 nuair a thug feachdan Crùn na Castilla fo stiùir Hernán Cortés ionnsaidh oirre.[1] B' e Tenōchtitlan - Baile Mheagsago an latha an-diugh - a bh' ann prìomh-bhaile na stàite.

Rìghrean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Itzcōhuātl (14281440)
  • Motēuczōma Ilhuicamīna (1440 – 1466)
  • Atotoztli (1466 – 1472)
  • Āxāyacatl (1472 – 1481)
  • Tīzoc Chālchiuhtlatona (1481 – 1486)
  • Āhuitzotl (1486 – 1502)
  • Motēuczōmah Xōcoyōtzin (1502 – 1520)
  • Cuitlāhuac (1520)
  • Cuāuhtēmoc (1520 – 1521)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Serge Gruzinski, Le destin brisé de l’empire aztèque, Paris, Éditions Gallimard, coll. « Découvertes Gallimard / Histoire » (no 33), 2010 (1re éd. 1988) (ISBN 978-2-07-034876-3).