Ìmpireachd Bhreatainn

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
An Ìmpireachd Bhreatainn ann an 1921

B' e na colonaidhean is na ranntairean a ghlac Breatainn Mhòr, agus Breatainn Mhòr fhèin, a bha anns an Ìmpireachd Bhreatainn.

Fàs na h-Ìmpireachd[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh "a' chiad Ìmpireachd Bhreatainn" a stèidheachadh an dèidh Aonadh nan Crùintean le colonaidhean ann an Aimeireaga a Tuath agus chaill Breatainn Mhòr a' mhòr-chuid dhen ìmpireachd seo anns an t-Ar-a-mach Ameireaganach, seach na ranntairean a chaidh nan Canada. Anns an 19mh linn thog Companaidh nan Innseachan an Ear agus Breatainn "an dàrna Ìmpireachd Bhreatainn" anns na h-Innseachan, ann an Afraga agus anns a' Mhuir Caraibeach.[1] Bha ìmpireachd neo-fhoirmeil cuideachd anns an dùthaichean mar Shìona, far an do stiùir Breatainn an dèidh Cogadh Opium malairt. An dèidh Ar-a-mach nan Innseachan ghlac Breatainn sealbh air na h-Innseachan is chaidh Banrigh Bhictoria na Ban-impire nan Innseachan. Chaidh Afraga a Deas na phàirt dhen ìmpireachd an dèidh Cogadh nam Boer, is fhuair Breatainn na colonaidhean Gearmailtich ann an Afraga le Cùmhnant Versailles.[2]

Deireadh na h-Ìmpireachd[deasaich | deasaich an tùs]

Thachair am pròiseas dì-cholonachaidh an dèidh an Dàrna Cogaidh, le na h-Innseachan ann an 1947 is dùthaichean ann an Afraga anns na 50an is na 60an. Chaill riaghaltas a' mhion-shluaigh ann an 1980 ann an Siombabue ùghdarras is thill Hong Cong fo smachd Sìona ann an 1997.[3]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. A summary of the British Empire through time”. BBC Bitesize. BBC. Air a thogail 13mh dhen Ghiblean 2020.
  2. The second British Empire: 1783-1924”. BBC Bitesize. BBC. Air a thogail 13mh dhen Ghiblean 2020.
  3. The British Empire after 1924”. BBC Bitesize. BBC. Air a thogail 13mh dhen Ghiblean 2020.