Jump to content

Èirisgeigh

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Èirisgeidh)
Èirisgeigh
Coilleag a' Phrionnsa, far an do chuir Teàrlach Eideard Stiùbhairt cas air tìr an Alba
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Innis-mhuir Na h-Eileanan an Iar
Co-chomharran 57° 4′ 12″ T
7° 17′ 24″ I
Comharradh-clèithe NF795104
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2.84 km²

'S e eilean anns na h-Eileanan Siar ann an Alba a tha ann an Èirisgeigh. Tha e suidhichte deas air Uibhist a Deas, eadar Uibhist a Deas agus Barraigh. Tha e trì mìle (4km) bho Thuath gu Deas agus mìle gu leth (2.5km) bhon Iar dhan Ear. Tha trì mìle ceàrnagach (8km²) ann.

Thathar a’ creidsinn gun tàinig ainm an eilein bhon t-Seann-Lochlannais, ‘Eiriksey’ no ‘Eric’s Isle’ ach ’s dòcha gun tàinig an t-ainm bho ‘Ùruisg’ no ‘Ùruisgøy’ a tha mìnigeadh an eilean ‘goblin’ no ‘water-nymph’.

Tha Èirisgeigh aon de na h-àitean far a bheil a' Ghàidhlig as làidire. Ann an 2001, bha 78.2 sa cheud de na daoine nan luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha cròileagan Gàidhlig air an eilean agus bun-sgoil Gàidhlig air Uibhist a Deas.[1]

Sheòil Du Teillay, am bàta Fraingach, gu Alba as t-samhradh 1745, thàinig Teàrlach Eideard Stiùbhairt a dh' Èirisgeigh air tòiseachadh na Bliadhna Theàrlaich. B' e an eilean far an do chuir am prionnsa cas air tìr an Alba. ’S e Coilleag a’ Phrionnsa a th’ air an tràigh an-diugh.

Co-dhùin Tighernas nan Eilean leis ‘MacDonalds of Clanranald’ agus cheannaich Còirneal Gordon à Cluny an talamh ann an 1838 agus thòisich na Fuadaichean. Shaoil Còirneal Gordon gun robh na caoraich math airson tairbheachd agus bha e a’ gluasad na muinntir a-mach.

Tha an sagart Ailein Dhòmhnallaich (Maighstir Ailean) gu math ainmeil airson nan dàn a rinn e mu dheidhinn na h-eilein ann an 19mh is 20mh linn. Bha Maighstir Ailean a sgrìobh bàrdachd, beul-aithris agus faclair a fhuair e bho mhuinntir ann an Uibhist a Deas agus eilean Èirisgeigh. Chaidh iad a' foillseachadh ann an leabhar "Eilein na h-Òige" ann an 2002.

Bha am bàta mòr, an SS Politician, a’ seòladh tron Mhaoil anns a’ bhliadhna 1941. Chaidh i ann an trioblaidean leis an t-sìde agus bha i an sàs air banca-gainmhich agus an bogha faisg air an eilean Calbhaigh. Aon uair is gun d’fhuair iad an criutha sàbhailte air tìr agus gun cuala iad mu dheidhinn carago a’ bhàta chaidh a’ mhuinntir air ais dhan bata agus ghabh iad an t-uisge-beatha bhon bàta. Cha robh an t-oifigeir Customs agus Excise toilichte idir idir. Bha carago a’ bhata a’ dol dha na Stàitean Aonaichte agus cha do phàidh iad càin cusbainn air na botail alcol.

Dh’fhosgladh an cabhsair ann an 2001. ’S e structar math a th’ ann agus thug e don luchd-turais agus do mhuinntir an eilean cothrom nas fhèarr dol gu Uibhist a Deas.

Ann an 2006 chaidh a' chuid a bu mhotha den fhearann aca a cheannachd le Stòras Uibhist.

Na h-Aodaich

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha an t-eilean ainmeil airson nan Geansaidhean. ’S e Eriskay Jumper a th’air. Fhigheadh na mnathan na geansaidhean airson na fir gus am biodh iad blàth air a’ bhàta nuair a bhiodh iad ag iasgach. Bho àm gu àm b’ e an geansaidh a sàbhail an duine ma thuit e anns a’ mhuir. Tha gach geansaidh na aonar. Tha an geansaidh gun uaim agus tha sin ga fhàgail nas laidire. Rinn iad na geansaidhean le snàth-clòimhe còig-dhualach agus nì e air fighe dlùth.

Chruinnich Marsaili NicUalraig Fhriseal na h-òrain ann an Uibhist a Deas agus Èirisgeigh. Chuir i na h-òrain air pàipear agus chuir i a’ clàrachadh fuaime air siolandairean cèire cuideachd. Sgrìobh i an ceòl ann an ceithir leabhraichean airson piàno agus guth. ’S dòcha gur e an t-òran as ainmeil e an ‘Eriskay Love Lilt’.

Thogadh an eaglais St Michael’s eadar 1893 agus 1903. ’S e eaglais inntinneach a th’ ann. Thog iad i airson Maighstir Ailean. Rinneadh an altair leis tosach bàta-teasairginn bhon HMS Hermes agus tha clag na h-eaglaise bhon bhàta Ghearmailteach, an Derfflinger.

Na Ponaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha an t-eilean ainmeil airson a’ phonaidhean cuideachd. ’S e Eriskay Pony a th’air. Tha iad gam breith le còta dubh no donn agus tha an còta a’ fàs liath mar tha iad fàs aosta. Bha muinntir an eilean a’ cleachdadh nam ponaidhean airson mòin a thogail no ceilp. B’ iad na ponaidhean sàmhach, làidir, coibhneil a bha iad a’ cumail beò. Cha do chum iad each eile air an eilean agus mar sin ’s e brìod aosta agus an loidhne fìon-fhuil gu bheil air ais bhon an-diugh gu an t-àm nan Cruithneach.

Flùraichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha flùr pinc ainmeil a’ fàs air a’ mhachair, dìreach ann an Èirisgeigh. ’S e Calystegia solandella no Flùr a’ Phrionnsa a th’ air.

Sgrìobhaidhean mun eilean ann an Gàidhlig

[deasaich | deasaich an tùs]
  • MacDhòmhnuill, Dòmhnull (1938). 'Eirisgeidh agus Uibhist a Deas', ann an Am Measg nam Bodach. Glaschu: An Comunn Gàidhealach. td. 127-135.
  • Eilein na h-Òige; The Poems of Fr. Allan MacDonald, (Ronald Black deas.), Mungo Books, Glaschu, 2002.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]