Maighstir Ailean
| Maighstir Ailean | |
|---|---|
![]() | |
| Beatha | |
| Breith | An Gearasdan, 25 dhen Dàmhair 1859 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | 8 dhen Dàmhair 1905 |
| Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe) |
| Foghlam | |
| Foghlam |
Blairs College (en) |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | eadar-theangair, eòlaiche-ciùil, sgrìobhadair agus bàrd |
| Gnè ealain | bàrdachd |
| Creideamh | |
| Creideamh | Eaglais Chaitligeach |
Bha Maighstir Ailean (Ailean MacDhòmhnaill, 25 an Dàmhair 1859 - 8 an Dàmhair 1905) na shagart Caitligeach, na bhàrd, na fhear-cruinneachaidh beul-aithris, agus na fhear-strì airson còirichean a’ phobaill.
Cha mhòr nach eil e cinnteach gun d' rugadh Mgr Ailean anns an Taigh-seinnse Beinn Nibheis far an robh athair na òstair.[1]
Foghlam
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh a chuir gu Cholaisde Sagartachd Blairs ann an 1871 aig aois da bhliadhna deug agus an uair sin a Cholaisde San Ambrosio, Valladolid anns an Spàinn ann an 1876. Fhuair e am bearradh an sin.
Sagartachd
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh òirneadh na shagairt ann an Glaschu ann an 1882, agus fhuair e obair e mar shagart-chuideachaidh dhan easbaig anns an t-Òban thuige 1884.
Ghluais e do Dhalabrog ann an Uibhist a' Deas ann an 1884 agus do Èirisgeigh ann an 1894 far an do chaochail e ann an 1905.[2]

