Jump to content

Àine

O Uicipeid

'San Eòlas-ur-sgeulachd na h-Eirinn, bh' Áine (cuideachd Aillen) 'na ban-dia a' ghaoil, an toraidh, a' chruidh agus na gealaich is a' ghrian. Bha i 'na nighean Egobail, agus 'na piuthar Aillen agus/no Fennen. Ann an roinn nan seòrsa na h-ùr-sgeulachd, tha i 'na bean Gerold Iarla; ann an seòrsachan eile, 'n àite 'bhith pòsda, dh'èignich e i, agus b'fhaodainn e air mharbhadh leatha bhith a leanas; ann an seòrsachan eile fhathast na h-ùr-sgeulachd, tha i 'na bean Mhanannain mac Lir, aon nan Tuatha Dè Danann. Bha 'n cuirm na h-Oidhche Leth an t-Samhraidh air chumail 'na h-urram. 'San Sìorrachd na Luimnich, bha i 'na banrigh nan sìthiche. Tha i air uairibh samhlaichte ri Danu.

Às an fhacal na Gaeilge ain, tha 'n t-ainm seo a' nochdadh 'bhith bunaichte às an Tùs-Ceilteach *Agnā. Tha 'n t-ainm ciallachadh an smuain de "deàrrsadh dian," a b' urrainn ainm eile 'bhith air bhith do Rosmerta agus a mìnichidh na ceanglaichean dèanta gu tric le Aoibhell (q.v. [1] [2] [3]). Tha 'n dealbh Ròimheach-Breatannach an t-ainme Tùs-Ceilteach seo coltach a bheil *Agna air bhith (q.v. [4] [5] [6] [7]).

Ionannachdan?

[deasaich | deasaich an tùs]

Ma tha 'n beachd-smuain ceart a bheil Àine gu dearbh riochd-samhlachadh de ‘leus deàlrach’, ceadaichidh sin neach a dhealbhadh ionannachdan le luchd dhen t-seòrsa ri Rosmerta agus Aoibhell.

Clàr-leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Ellis, Peadar Berresford, Dictionary of Celtic Mythology(Oxford Paperback Reference), Oxford University Press, (1994): ISBN 0195089618
  • MacKillop, Seumas. Dictionary of Celtic Mythology. Oxford: Oxford University Press, 1998. ISBN 0192801201.
  • Wood, Sìleasag, The Celts: Life, Myth, and Art, Thorsons Publishers (2002): ISBN 0007640595

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]