Zen

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Enso.jpg

'S e sgoil Bhuddhach a th' ann an Zen (Sandscrit: Dhyāna; Sìonais: 禪, Chán; Bhiet-Namais: Thiền; Coireanais: Seon) a chaidh a stèidheachadh ann an Sìona anns a' chòigeamh linn agus a chuireas an cuideam as treasa air meòrachadh mar am prìomh rathad gu soillseachadh. 'S e Zen an t-ainm Seapanais air an sgoil, a chaidh a thar-litreachadh bhon t-Sìonais. A rèir an eachdraidh thraidiseanta, chaidh an sgoil a stèidheachadh leis a' mhanach, Bodhidharma, a thàinig a Sìona às na h-Innseachan.

Anns an latha an-diugh, 's e Soto (Sìonais: 曹洞, Cáo dòng) agus Rinzai (Sìonais: 临济, Lín jì) an dà sgoil as motha ann an Zen, a tha eadar-dhealaichte a thaobh feallsanachd agus stoidhle mheòrachaidh.