‘S e baile mòr ann an cridhe na h-Eilbheis a th’ ann an Thun (Fraingis: Thoune). ‘S ann às a’ Ghallais Dunum (Gàidhlig: Dùn) a tha an t-ainm. Chaidh am baile seo a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 7mh Linn leis a’ mhanach Fredegar, ged an robh daoine air a bhith a’ fuireach an seo ro àm nan Ròmanach. Tha e suidhichte aig beul na h-aibhe Aare air an Loch Thun (Gearmailtis: Thunersee), aig 560m os cionn ìre na mara[1] anns an roinn (Gearmailtis: Kanton) Bern, 98km air falbh bho Zürich, 127km bho Ghenève agus dìreach 25km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 42,623 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an 11 baile as motha na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Gearmailtis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Thun.
Daoine Ainmeil [deasaich]
Bailtean Co-cheangailte [deasaich]
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Община Габрово
- ↑ Ville de Granby
Ceanglaichean A-mach [deasaich]