Silvia
Silvia
|
|||||
| Mapa a' bhaile | |||||
| Sealladh air a' bhaile | |||||
| [[Image: |300px]] | |||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | Coloimbia | ||||
| Roinn | |||||
| Àirde | 2600m | ||||
| Teodhachd | 12˚ | ||||
| Co-chomharran | 02° 47' 37' Tuath 76° 10' 40' Iar |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 662 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 30,960 (2005) | ||||
| Dlùths | 46.77/km² | ||||
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | ||||
‘S e baile beag ann an Cauca, Coloimbia,[1] a th’ann Silvia. Tha e suidhichte aig 2600m os cionn ìre na mara aig astar dhe 59m bho Phopayán, ann an ceann a deas na dùthcha. Tha teodhachd meadhanach dhe 12˚ aige. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1562.
Susbaint |
Sluagh a' bhaile [deasaich]
Tha 30,960 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 26,850, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh uabhasach traidiseanta a th’ann.
Taobh chinnidh, ' s e Tùsanaich a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Silvia. Tha 79.4% dhe Tùsanaich, 22.2% dhe daoine geala agus mestizos agus 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 81.2% dhe na daoine ann an Silvia leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 7.8% dhe na dachannan.[4]
Daoine Ainmeil [deasaich]
Ezequiel Hurtado (1825 – 1890): Ceann-suidhe na dùthcha ann an 1884.
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- ↑ Cololmbia Virtual
- ↑ Bileag fhiosrachaidh DANE