Sileacon

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Sileagan)
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e eileamaid cheimigeach a th' ann an sileacon, le àireamh dadamach 14 agus comharra Si.

'S e neo-meatailt a tha ann.

Tha sileagan gu math cumanta sa chruinne-cé, agus tha e an dara eileamaid as cumanta ann an rùsg na Talmhainn às dèidh ogsaidean.

Gheibhear sileagan ann an gainmheach, criadh, agus mòran clachan, agus tha mòran feuman gnìomhachail aige, mar gloinne, saimeant, concrait, agus sgealban choimpiutair.

Taisgealadh[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1820 rinn Jöns Jacob Berzelius sileacon fìor-ghlan anns an iom-obrachadh potasium agus potasium fluarasileacaid. Thug Thomas Thomson, ceimigear Albannach, an t-ainm silicon dha.