Sgarbh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Sgarbh
Kormoran 2008-03-21 032.jpg
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Còmhlan Chordata
Buidheann Aves
Òrdugh Pelecaniformes
Teaghlach Phalacrocoracidae
Gnè Phalacrocorax
Seòrsa P. carbo
Ainm saidheansail
Phalacrocorax carbo Linnaeus, 1758

'S e eun-mara a th' anns an sgarbh Phalacrocorax carbo.

Canar cuideachd ballaire no ballaire a' bhòthain ris, agus tha ainmean leithid: cailleach-dhubh no fitheach mara air, ach 's e sgarbh an t-ainm as cumanta san latha a th' ann.

'S e sgarbh òg a th' ann an sgaireag, ach dh'fhaodar sgaireag a thoirt air faoileag òg cuideachd.[1]

Tha an sgarbh gu math coltach ri sgarbh an sgùmain Phalacrocorax aristotelis.

Sealg an sgairbh [deasaich]

Bhathar a' sealg agus ag ithe an sgairbh, 's a' dèanamh feum dheth ann an diofar dhòighean san t-seann aimsir.

Tha cunntas ga thoirt le Eachann MacDhùghaill ann an 1938 air mar a bhathar a' glacadh nan sgarbh ann an Colla.

Bidh na sgairbh, ann an àm dol a laighe anns a' chreig, a' fàgail aon sgarbh air faire is an còrr dhiubh a' pasgadh an cinn fo an sgròbain. A' chiad rud a dhèanadh na sealgairean, nuair a rachadh iad air tìr air a' chreig, b'e an sùil fhaotainn air sgarbh-na-h-aire. Bidh sgarbh-na-h-aire daonnan air binnean nas àirde na an còrr, agus 's e faotainn thuige mun toireadh e gorc-rabhadh (goir-rabhadh) às, ris an robh obair na h-oidhche gu lèir an crochadh. An uair a gheibheadh esan às an rathad, cha robh ach gabhail don chòrr às an leth-oir gus am biodh feumalachd gach teaghlaich, a bhiodh ri roinn do na sgairbh fhaotainn, air a sholar gu pailt is gu tomadach.

Ceangal a-mach [deasaich]

Iomraidhean [deasaich]

  1. Gaelic names of Plants, Fungi & Animals, Ellen I. Garvie, Clò Ostaig (1999); ISBN 1-897873-69-7
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: