Fergie Dòmhnallach

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e fear-ciùil Gàidheal à Muideart a tha ann am Fergie Dòmhnallach.

Tha e na chluicheadair bocsa-putain' agus tha e air a bhith na cheannard chòmhlan-ciùil chèilidh mhìorbhaileach o chionn còrr is 40 bliadhna agus tha e air corr is 23 clàran a chlàradh.

Tha e a' cluich gu riaghailteach air BBC Alba agus ' s e fhèin a bh' anns a chiad duine a chraolaich fìor cheòl cèilidh air a' BhBC.

Tha e na ostair aig an Taigh-òsta Chlann Raghnaill ann am Mùideart, far a bheil ho-ro-gheallaidh is craic ri fhaighinn a h-uile deireadh-seachdain.

Chaidh a sgeulachd-beatha Fergie fhoillseachadh ann an 2003 agus chaidh prògram a chraoladh mu a dheidhinn air Oidhche Challain an aon bhliadhna.