Sgùrr na Mòraich

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°13′10″N 5°22′15″W / 57.219405°N 5.370761°W / 57.219405; -5.370761

Sgùrr na Mòraich

Àirde (m) 876
Àirde (tr) 2874
Àirde rinneach (m) 138
Suidheachadh
Sgùrr na Mòraich is located in Alba
Sgùrr na Mòraich
Sgùrr na Mòraich (Alba)
Suidheachadh Cinn Tàile
Sreath bheanntan Còig Peathraichean Chinn Tàile
Mapa cumadh-tìre Landranger 33
Explorer 414
Comharradh-clèithe NG966193

’S e beinn ann an Cinn Tàile air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr na Mòraich. Tha e 876m de dh’àirde agus 's e a' bheinn as fhaide dhan iar anns an aonach Còig Peathraichean Chinn Tàile. Tha e suidhichte os cionn Loch Dubhthaich agus Allt a' Chruinn. Tha e cudromach airson cruth na tìre a chruthaicheas na Còig Peathraichean.

Mar as trice 's i a' bheinn mu dheireadh a dhìricheas daoine air an t-slighe thairis air an aonach, ach gu tric fàgar às i, air sgàth 's nach e Beinn Rothaich a th' ann agus gu bheil slighe mhath sìos bhon bhealach eadar Sgùrr na Mòraich agus Sgùrr an t-Searraich air ais gu Allt a' Chruinn. Ach tha na seallaidhean air leth bhon mhullach seo, oir chithear an t-Eilean Sgitheanach cho math ri beanntan Chinn Tàile, Gleann Seile agus Chnòideirt.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]