Sìdhe

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Tha Sìdhe (AEF [ʃiː], Gaeilge nuadh: ; Gàidhlig: sìth) 'na facal na Gaeilge 's na Gàidhlig a' cur iomradh air na tolman an talmhainn gun robh air smaoineachadh a bhith dachaigh ri sluagh os-nàdarra co-cheangailte ris na sìthichean nan dualchas eile, 'gus nas anmoiche ris na luchd-àiteachaidh seo fhèin. Tha na Sìthichean (no Sìth) air chreidsinn gu h-eugsamhail a bhith na sinnsearan, na spioradan an nàdair, no na ban-diathan 's na diathan fhèin.

Chì mòran daoine na Sìthichean cho tionndaidhean nas anmoiche, litreachaile an Tuatha Dè Danann. Ann an beul-aithris agus cleachdadh, tha gu tric na Sìthichean air dhèanamh ciùin le tiodhlacan, agus tha cùram air ghabhail a sheachnadh a' cur fearg orra. Tha iad air bhruidhinn air gu tric le bogachaidhean-brìgh mar "Na Nàbaidhean Matha", "An Sluagh Maiseach", "Na h-Uaislean", no gu soirbh "An Sluagh", 'san dòchas gun smaoinicheadh daoine daonna dhiubh cho caomh, bhitheadh iad na b' dualaiche a bhith caomh.

'S e "bean nan Sìdhe" a tha a' bhrìgh an facail "bean-shìdh", ge-tà sa' Bheurla tha an facal air thighinn dham bhrìgh shònraichte mnà os-nàdarra na h-Èirinn gum cuir an cèill bàs tighinn le am caoineadh. 'S e a' Bhean Nighe a th' a samhail 'san eòlas-ur-sgeulachd na h-Alba - a' bhean a tha air fhaicinn a' nighe an t-aodach no armachd f(h)uileach an duine a tha an dàn ri bàs. Tha ainmean cumanta "leannan sìdh"; an cat sìdh; agus an cù sìdh. Tha an "sluagh sìdh" air uairibh air nochdadh ann am beul-aithris Èireannach agus Albannach cho spioradan air sgèithe nàdair mì-thlachdmhor, agus 's dòcha na mairbh mallaichte, olc, no luaimneach.

Tha air uairibh na Sìthichean air fhaicinn cho luchd-dìona garga an àiteachan-còmhnaidh - co-dhiù gum bi e cnoc shìdh, fàinne shìdh, craobh shònraichte (gu tric sgitheach), no 's mathaid loch no coille shònraichte. Tha an Cruinne Eile Ceilteach air fhaicinn cho nas dlùithe ris na h-amannan nam beul an là 's na h-oidhche, mar sin 'seo àm sònraichte dhan sluagh Sìdhe, cho tha roinn nam fèilltean mar an Oidhche Shamhna agus an Fhèill Eòin. Am bitheantas, 's an dealbh air thoirt nan duine Sìdh annasach àlainn, ged 's urrainn dhaibh oillteil a bhith.


Bheir roinn nan freumhan dealbh air na Sìdhe cho an fuigheall na Tuatha Dè Danann"), a dh'fhàg Èirinn a dh'fhuireach sa' Chruinne eile an dèidh an ruaig leis na Mileseanaich. A-rèir ris an Lebor Gabála Érenn, bha an Tuatha Dé Danann (cuideachd na "Daoine Sìdhe"), air ghabhail air ann am blàr leis na mic bhàsmhora Mhíl Espáine. Cho cuid nan rèiteachdan na ruaige, dh'aontaich an Tuatha Dé Danann a dh'fhuireach fon talamh anns na síde (aonar síd), na cnocan no tolman a tha a' comharradh an tìr na h-Èireann. Bha gach ceannard nam cinnidhean na Tuatha De Dannan air thoirt aon tolm. Na b' anmoiche, oir snìomha na brìghe, dh'fhàs araon na tolman agus na luchd os-nàdarra àitheanta ris an fhacal cheudna: síd, 's an uair sin fad an atharrachaidh na cànain tro na linntean, sídhe, sìth agus .

Dualchas mòr-chòrdte nuadh[deasaich | edit source]

  • Changeling: The Dreaming (Tàcharan: Am Bruadar). Anns an lìn seo nam cluichean riochdachadh agus ùr-sgeulachd bhon foillsichear White Wolf, Inc., 's e cinneadh uasal nan tàcharain agus sìthichean a th' anns na Sìdhe. Ged tha e air tharrang le beul-aithris agus eòlas-ùr-sgeulachd, tha na cruithearan cuideachd cead cruthachail trom; mar sin chan eil na riochdachaidhean na h-ùr-sgeulachd seo air chluinntinn cho freumhan cearta a bhith.
  • Ealdwood stories le C. J. Cherryh. Mar os cionn, tha seo fionn-sgeulachdan gun nochd na Daoine Sìthe cho caractaran.
  • Nochd eadar-sgeul an Torchwood (that first aired in November 2006) taibhsean neartmhora na tìre gu bheil 'nam co-luchd ris na Sìthe, iomradh air thoirt orra ri "Bunbhasaich".

Seallaibh cuideachd[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  • Briggs, Katherine (1978). The Vanishing People: Fairy Lore and Legends. New York, Pantheon
  • Carmichael, Alexander (1992). Carmina Gadelica: Hymns and Incantations. Hudson, NY Lindisfarne ISBN 0-940262-50-9
  • MacKillop, James (1998). Dictionary of Celtic Mythology. London: Oxford. ISBN 0-19-860967-1
  • Wentz, WY Evans (1966, 1990) The Fairy-Faith in Celtic Countries. New York, Citadel