Ruadh Stac Mòr

O Uicipeid
Ruadh Stac Mòr

Ruadh Stac Mòr bhon Mhaighdinn
Àirde (m) 918
Àirde (tr) 3,011
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Ruadh Stac Mòr is located in Alba
Ruadh Stac Mòr
Ruadh Stac Mòr (Alba)
Suidheachadh Achadh an Iasgair
Mapa cumadh-tìre Landranger 19
Explorer 435
Comharradh-clèithe NH01847566

'S e beinn ann an Achadh an Iasgair air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann an Ruadh Stac Mòr. Tha e suidhichte ann an àite glè iomallach eadar Dùn Dòmhnaill agus Loch Ma-ruibhe air taobh an iar de Ghleann na Muice. Tha e 918m de dh'àirde, agus 's e Beinn Rothaich a th' ann.

Mar as trice bithear ga streap bhon bhothan aig Seanbhail, far am bi a' mhòr-chuid de dhaoine a' cur seachad na h-oidhche roimhe agus às dèidh. Dh'fhaodadh a streap bho Ghleann na Muice Beag agus a dhìreadh bhon ear-thuath air neo dol timcheall air a' bheinn an toiseach agus dìreadh bhon iar-dheas. Dh'fhaodadh a cheangal leis a' Mhaighdinn. Dh'fhaodadh a ceangal fiù 's leis na beanntan air taobh eile a' ghlinne, Mullach Coire Mhic Fhearchair, Sgùrr Bàn agus Beinn a' Chlaidheimh, agus canar The Fisherfield Six ris a' chuairt fhada seo[1].

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air Achadh an Iasgair, Slioch, Loch Ma Ruibhe, Fionn Loch, Loch Iù, An Teallach agus Na Fanaichean.


Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Na Fisherfield Six air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: