Raymond Burr

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Raymond Burr

B' e cleasaiche ainmeil a bha ann an Raymond Burr. Rugadh e sa bhliadhna 1917 ann an Canada agus chaochail e sa 12mh An t-Sultain, 1993 ann an California, Na Stàitean Aonaichte le aillse stamaig.

Fhuair e cliù mar Perry Clachair, am fear-lagha mìorbhaileach, agus Ironside, am fear-poileas ann an cathair-cuibhle anns na sreathan air an robh na h-ainmean sin fhèin. Chluich e na pàirtean seo da thuras, Perry Clachair ann an da shreath fhada aig deireadh nan 50an agus bho 1985 gu 1993, nuair a chaochail e. Chaidh a chiad shreath de Ironside a dhèanamh ann an 1967. Thill e don phàirt ann an 1993 airson prògram sònraichte.

Tha rionnag aig Burr air Sraid na Cliù ann an Hollywood.