B' e meanbh-dhùthaich Gearmailteach a bh' ann an Prionnsalachd Reuß-Gera a mhair bho 1806 gu ruige 1919. Bu stàit i ann an Co-chaidreachas na Gearmailte bho 1815 gu 1866, ann an Co-chaidreachas na Gearmailte a Tuath bho 1867 gu 1871, agus ann an Impireachd na Gearmailte bho 1871 gu 1918. Bu cho-nasgadh a bh'ann an Reuß-Gera agus chaidh Poblachd Reuß a stèidheachadh sa Ghiblean 1919. Chaidh sin agus sia meanbh-stàitean eile a cho-nasgadh gus Thüringen a stèidheachadh sa Chèitean 1920.