Poilitigs ann an Èireann

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Aonadan poilitigeach na h-Èireann[deasaich | edit source]

Tha còig còigeamh ann an Èirinn, a bha tràth ann an eachdraidh na h-Èireann nan còig rìoghachdan fa-leth. Is iad Ulaidh, An Mí, Leamhainn, Mumha agus Connacht. B' e an Mi an còigeamh as lugha agus tha i air a bhi na phàirt den Mhumha bho linn nan Normanach.

Nuair a dh'fhuair na Normanaich greim air Èirinn anns an 14mh linn, roinn iad an tìr eadar 32 siorramachd, agus ainmeachadh cuid shiorramachdan "Contae". Is e na conntaidhean sin a tha fhathast nan aonadan rianachd na dùthcha agus tha fèin-aithneachadh làidir aig muinntir gach chontae.

Eadar 1801 agus 1921 bha Èirinn na phàirt den Rìoghachd Aonaichte. Ged a chòrd an Rèiteachadh seo ri cuid Èireannaich bha an cuid a bu mhotha na aghaidh. Dh'aontaich pàrlamaid na Breatuinn ri fèin-riaghladh airson Èireann ann an 1911. Bha fèin-riaghladh ri tòiseachadh ann an 1915 ach chuireadh bacadh air sin aig toiseach a' Chogadh Mhòr. Aig a' cheann thall cha tàinig Fèin-riaghladh idir ro 1921, nuair a stèidheachadh Saor-Stàite na h-Èireann as dèidh strì armaichte.

Nuair a dh'aontaich an Riaghaltas Bhreatainn ri stèidhicheadh Saor-Stàite na h-Èireann, bha cuid de na Ultaich calg-dìreach an aghaidh. Chaidh sgaradh air Èirinn agus dh'fhan sia (a-mach a naoi) conntaidhean Ultach anns an Rìoghachd Aonaichte. Dh'adhbharaich an t-aontachadh fhèin sgaradh an taobh deas na tìre, agus mhilleadh ciad bliadhna na Saor-Staite le cogadh siobhalta fuilteachd a mhair 9 miosan.

Mhair Saor-Stàite na h-Èireann bho 1921 gu 1937. Fon aontachadh de 1921 bha an Saor-stàit neo-eisimeileach ach taobh a-staigh Commonwealth na Breatuinn agus chùm an Cabhlach Rìoghail seilbh air port daingnichte aig Cobh faisg air Cathair Corcaigh anns a' Mhumha. Ann an 1937 dh'aontaich muinntir na h-Èireann ri bun-stèidh poblachd, agus choisinn Èirinn làn neo-eisimeileachd.

Canar "Tuathscuairt na h-Èireann" ri na conntaidhean Ultach a tha fhathast anns an Rìoghachd Aonaichte.

Is e Eire an t-ainm a tha air a' Phoblachd ach, tha a' Bheurla na dàrna cainnt oifigeil na h-Èireann agus anns a' Bheurla is e "Ireland" an t-ainm oifigeil air an dùthaich. Don bhrigh seo, uaireannan cluinnear luchd-poileataigs a' labhairt anns a' Bheurla mu deidhinn "The island of Ireland", a' ciallachadh Èirinn gu leir.


Poiliteags ann an Eire[deasaich | edit source]

Siostam Riaghlaidh[deasaich | edit source]

Tha 2 thaigh riaghlaidh ainmichte an bun-reachd na h-Èireann. Is e a tha anns an Dail an taigh ìochdar agus theirear Teachdaire Dàil (TD) ri gach ball den Dail. Tha gach TD a' riochdachadh Contae ach tha corr is aon TD aig gach conntaidh. Tha uimhir nan TD aig gach conntaidh a-rèir meud sluagh a' chontae. Thèid an roghainn le siostam bhòt singilte so-iomcharachd. Is e a tha anns an Oireachtas an Taigh Uachdar, tha gach ball taghta ach tha cuid de buill an oireachtas a' riochdachadh roinnean sònraichte de mhuinntir na h-Èireann, mar eisimpleir, tha luchd-riochdaidh aig oil-thighean na h-Èireann anns an oireachtas.


Pàrtaidhean Poilitigeach an Eire[deasaich | edit source]

Tha ceithir pàrtaidhean poilitigeach le riochdairean ann am Dàil Èireann anns an latha an diugh (2007). Is iad Fianna Fáil, Fine Gael am Pàrtaidh Làborach agus Sinn Fein.

Is e Fianna Fail agus Fine Gael an dà phartaidh as motha. Stèidhicheadh an dà phartaidh seo rè saoghal an Saor-stài agus tha teaghlaichean poilitigeach air nochdadh annta. Tha ballrachd de Fianna Fail agus Fine Gael, eadhan don ghinealach an diugh a' beanailt air taobh a thug na seann-phàrantan aig am a' chogaidh shìobhalta.

Tha am Pàrtaidh Làborach gu math lag an diugh (2007).

Tha Sinn Féin na Pàrtaidh Poblachdach agus Sòisealach agus tha e an sàs ann an poilitigs gach taobh den chrìoch eadar Èirinn agus na sia chontae.