Fine Gael

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Fine Gael
Fiosrachadh
Stèidheachadh 8mh An t-Sultain 1933
Luchd-stèidheachaidh Léinte Gorma
Lár-Pháirtí Náisiúnta
Cumann na nGaedheal
Àite-Stèidheachaidh Baile Àtha Cliath
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Deamocrasaidh Crìosdaidheachd
Oifisean 51 Sráid an Mhóta Uachtarach, Baile Àtha Cliath 2, Poblachd na h-Èireann
Cathraiche Éanna Ó Cionaoith
Riaghaltas Ann an co-bhann

'S e pàrtaidh ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann am Fine Gael.

Eachdraidh agus Feallsanachd[deasaich | edit source]

Chaidh am pàrtaidh air stèidheachadh leis an Seanaireal Eoin Duffy, de Oglach na h-Èireann (Arm Saor-stàit na h-Èireann), as deidh esan air crìochnachadh túras-rothaire Eòrpa aig deireadh na 1920an. Bha Pàrtaidhean Faiseaich a' nochdadh air feadh Eòrpa aig an ám agus bha ìomhaigh dearbhach de tìr-graidh adhartach aig an gluasad. Stèidhich Duffy Eagaireachd de Fir nan Leine Gorma, mac-shamhla de na dubh-leintaich aig Mussolini. Is ann as an eagaireachd sin a chaidh stèidhicheadh air Fine Gael (Sloighne nan Gaidheal). Tha fèin-dearbhadh cinnidh soillear an ainm a' Phartaidh chun latha an diugh.

Tuigsear, gu tanaig Fine Gael a bhi dlùth-cheangailte le na daoine a dh'aontach leis an "Treataidh" de 1921, agus a bha air taobh na Saor-Stait (An aghaidh na Poblanaich, a chaidh fo cheannardas Éamon de Valera) rè an cogadh sìobhalta de 1921-22.

Coltach ri Fianna Fáil (Feachd na Fàil), am pàrtaidh Poblanach a stèidhich De Valera, tha freumhan Fine Gael ann an Sinn Féin, cha mhòr nach do choisinn gach cathair Eireannach 's an taghadh coitcheann de 1919. Tha e cudthromach ri aithneachadh gun do sheas am Pàrtaidh Làbarach, pàrtaidh Seamus O Connghaile, ris an taobh airson an taghadh coitcheann de 1919, taghadh a bha an suil na h-Èireannaich na de facto referendum air neo-eisimileas.

Anns an latha an diugh, is e pàrtaidh Deamocratach den mheadhan-dheas a tha anns an Fine Gael.