Na h-Eileanan Móra

O Uicipeid
Tha na h-Eileanan Móra faisg air Leòdhas, dìreach tuath air ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich
An dòirling a’ ceangal Garbh Eilean ri Eilean an Taighe

’S e buidheann de dh’eileanan 8km (5 mìle) ear-dheas air Leòdhas a tha sna h-Eileanan Móra, no na h-Eileanan Seunta mar a b’àbhaist a bhith orra agus a tha fhathast air a ghléidhean ’nan ainm Beurla Shiant Islands.[1] Chithear iad bhon bhàta-aiseig eadar Ùige san Eilean Sgitheanach agus Tairbeart na Hearadh.

Na prìomh eileannan, is iad Garbh Eilean agus Eilean an Taighe a tha ceangailte ri chéile le dòirling, agus Eilean Mhuire a tha 400m sear air Garbh Eilean. B’ e Eilean na Cille a bha air Eilean an Taighe ron 19mh Linn. Tha na h-eileannan ainmeil air n h-eòin mara a tha a’ neadachadh annta. Bha sluagh de rodain a’ dèanamh sgrios orra ge-tà, rodain a shìolraich bho long-bhriseadh san 19mh Linn, gus an deach cur às dhaibh timcheal air 2016.[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Iain Mac an Tàilleir, Place-names of Scotland
  2. BBC Naidheachdan 2016-03-23: Rodain nan Eileanan Mòra marbh (aithris chlaisneachd, 4:29)