Muscat

O Uicipeid
مسقط
Muscat
Suidheachadh
Dùthaich Omàn
Ceàrn Muhafazah Muscat
Co-chomharran 23°36° Tuath
58°35’ Ear
Feartan fiosaigeach
Duilleag oifigeil www.omanet.om

‘S e prìomh-bhaile Omàin agus am baile as motha den dùthaich a th' ann am Muscat (Arabais: مسقط, masqaṭ). Tha e suidhichte san ear na dùthcha, air cladach Camas Omàin. Tha an àrd-bhaile Mhuscat, ris an canar "Capital Area", a’ fàs nas motha gu math luath. Tha e cho mòr ri 3,500 km² agus anns a’ bhliadhna 2008 bha 731,730 duine a’ fuireach ann. 'S e Muscat aon de na bailtean as aosta a th’ ann air feadh an t-Saoghail. B' e Bhasco da Gama às a' Phortagail a’ chiadh fhear Eòrpach a ràinig Oman air an t-siubhail aige chun nan Innseachain.

Tha trì sgìrean ann a tha gu math cudthromach:

  • Muscat an Iar: Al-Seeb, Udhaybah, Bawsher, Al-Ghubbrah agus Ghala
  • Meadhan Mhuscat: Al-Khuwair, Madinat Al Sultan Qaboos, Shati-Al Qurm, Qurm agus Ras Al Hamra
  • Muscat an Ear: Wuttayah, Ruwi, Matrah, Kalbuh, Old Muscat, Sidab agus Al-Bustan

Tha am port-adhair eadar-nàiseanta , am Muscat International Airport, eadar 15 is 20 cilemeatair air falbh bho na sgìrean Al-Khuwair, Madinat Al Sultan Qaboos, Shati Al-Qurm agus Al-Qurm.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Seann-bhaile Mhuscat


Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: