Bhasco da Gama

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, lorg
Bhasco da Gama

Is e maraiche Portugach a bha ann am Bhasco de Gama (~1469-1525).

Rugadh e mu 1469 aig Sines, port beag ann an Roinn Alemtejo. Chosnaich e ainm maraiche gal dha fhèin trath na bheatha.

Ann an 1497 thill Bartolem Diaz chun na Portagail as deidh boidse a bha air chuairteachadh Ceap nan Storm. Chuir Righ Jaōa roimhe tuilleadh rannsachadh a dhèanamh , ach b'e an ath rìgh, Manoel am Fortunach a chuir an iomairt air coise. Roghainneadh Da Gama a bhith os cionn a' ghnathach agus air 8mh Iuchair 1497 dh'fhag e Lisbōa le ceithir luing agus 160 daoine. Cha do lorg iad gaoth fabharach agus chaidh ceithir miosan seachad mus an do rainig iad Bàgh Naoimh Eilidh. Air cuairteachadh a' cheap agus air cuir sios cor agus aon "mutiny" rainig iad Melinda trath an 1498. Is ann an sin a lorg Da Gama piolaid Innseanach agus sheòl e air adhart dhan ear-thuath a' ruigsinn Calicut air 20mh Cheitein 1498.

Bha Zamorin (Righ) na Calicut mi-earbsach de na Eorpach aig an toiseach agus an greis chaidh e calg direach nan aghaidh. Aig a' cheann thall b'fheudar do Da Gama a shabaid a slighe a mach as a' Chala. Bhuannaich a chabhalach air ais gu Lisbōa 's an t-Sultain 1498, a' lorg failte mhòr agus urram dhan Admiral. Cho luath 's a b'urrainn dha dh'ullaich Manoel cabhalach de 13 luingean fo stiùir de Pedro Alvarez Cabral agus chaidh an cuir a mach le ordughan a stèidhich colonaidhean Portugach an India. Sheòl Cabral ro fhada dhan iar agus (air an slighe gus na h-Innseachan) lorg e oir Bhrasail.

Chaidh Da Gama a mach gu Innse da thrup eile, an 1502-03 agus 1524-25. Air an tres sgriob dh'eug e gu h-obann aig Cochin an Dubhlachd 1525 [1].

[deasaich] Prìomh Reafrain

  1. Chambers Encyclopedia, New Edition, Dun Eideann, 1935