Mohammed

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
name muhammad arabic

Muhammad (Arabais: محمد‎ muḥammad); rugadh mu 570, bhàsaich air 8 an t-Òg Mhios 632 ). ’S e Muhammad a ainm slàn; Muhammad ibn Abdullah (a’ ciallachadh "Muhammad mac Abdullah"), an neach a stèidhich an creideamh Islam - an dara creideamh as motha anns an t-saoghal às dèidh Crìosdaidheachd. Tha sluagh Ioslam, na Moslamaich, a’ creideamh gur e am Fàidh mu dheireadh a bh' ann am Muhammad agus gur e an leabhar, an Churàn, facal Dhè a chaidh innis do Mhuhammad tron Aingeal Gabrial.

Tha pailteas de sgrìobhaidhean agus ràdhan againn a tha dèiligeadh le beatha Muhammad. Nam measg ’s e an fhear is ainmeil eachdraidh-beatha a chaidh a chruthachadh anns an 8mh linn le sgoileir den ainm Ibn Ishaq.

Toiseach beatha agus Mecca[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Muhammad timcheall air a’ bhliadhna 570 AC gu treubh Arabach den ainm Quraysh ann an taobh a deas sgìre Hijaz. ’S e teaghlach uasal a bh' annta agus mu chòig ginealach ro Muhammad fhuair iad smachd air baile Mhecca agus, fon shinn-seanair aige, chaidh an àite a stèidheachadh mar aon de na prìomh bhailtean airson malairt anns an Ear-Mheadhan le càirdeas ri Impireachd an Roimh còrdaidhean le na dùthchannan eile mun cuairt – Impireachd Phearsia agus na Rìoghachdan ann an Yemen agus an Itiop. Agus ’s ann mar seo a chaidh an coimhearsnachd ris am buineadh Muhammad, le marsantachd fìor aig a chridhe, a chuir air dòigh.

Ged a rugadh e ann an 570 AC cha do ghabh e dreuchd mar fhàidh gu 610 nuair a bha e mu 40 bliadhna a dh’aois. Anns na bliadhnachan ron a sin cha robh beatha annasach aige idir. Bhàsaich athair mus deach a bhreith agus bhàsaich a mhàthair nuair a 's e pàistean a bh' ann fhathast. Mar sin chuir e seachad a òigridh a’ fuireach le bràthair athar, duine den ainm Abu Talib. Nuair a ràinig e 25 fhuair e obair a’ coimhead an dèidh carabhan le banntrach beartach agus an dèidh greis phòs iad.

Ged is e pàganachd an seòrsa creideimh a bu chumanta ann an Arabia aig an àm a bha seo, bha gu leòr, gu h-àraidh ann an taobh a tuath na sgìre, a chumadh ris an creideamh Chrìosdaidh anns a' chruth Nestorian no Monophysite. Gu dearbh, ’s ann mar àite aon-diathach a chaidh Mecca a stèidheachadh ged a bha e air tilleadh gu creideamh pàganach mun àm a rugadh Muhammad.

Taisbeanadh[deasaich | deasaich an tùs]

Bhiodh Muhammad a cuir seachad aon mìos sa bhliadhna seachad air Beinn Hira’ – cleachdadh pàganach a bha cumanta aig an àm. Aon oidhche agus e a cadal air a' bheinn chunnaic e an aingeal Gabriel, a dh’èigh ris “Ath-innse!” (recite!) Anns na bliadhnachan a lean se Gabriel a bhiodh a toirt na ràdhan a chruthaicheadh an Quran agus an creideamh Muslamach do Mhuhammad. Ach, aig an àm, bha seo a cuir dragh mòr air agus airson greis bha eagal air gun ro e air a chiall a chall agus gun ro diabhail a choireigin ga phianadh. Ach, mu dheireadh, ghabh e ris an dreuchd. Chuir e seachad an ath deich, còig deug bliadhna a fuireach ann am Mecca a toirt seachad ràdhan ùr agus a teagaisg na bha a creideamh.

A’ sgaoileadh a chreideamh agus Hijra[deasaich | deasaich an tùs]

An toiseach cha robh duine a’ leantainn Muhammad ach a theaghlach fhèin agus fad timcheall air trì bliadhna cha robh ann ach rud prìobhaideach, pearsanta. Ach an dèidh greis chaidh cantainn ris a chreideamh a sgaoileadh a-measg an t-sluaigh mhòir. Cha robh seo a’ cuir dragh air na pàganaich ann am Mecca an toiseach (agus 's iad a mhòrchuid anns am baile fhathast) agus iad ag ràdh nach robh adhbhar sam bith ann nach fhaodadh duine creideamh a thaghadh dha fhèin mar a thogradh e. Ged a chaidh a chàineadh rud beag cha robh cus trioblaid aig Muhammad gus an do thòisich e a magadh nan diathan pàganach a bhuineadh ris a’ choimhearsnachd fhèin. Bhris an càirdeas sìos a bh' ann eadar na diofar threubhan agus theich buidhean de na Muslamaich gus an Itiop ach dh’fhuirich Muhammad fhèin ann am Mecca agus e sàbhailte air cùlaibh cumhachd bràthair athar – Abu Talib. Ach chaochail Abu Talib agus bha aig Muhammad coimhead airson taic an àiteigin eile. Chuir e greis seachad a’ siubhail bho àite gu àite a’ sireadh taice bho dhiofar threubhan ach cha deach leis gus an do choinnich e ri buidhean bho bhaile Medina. Chuir e cuireadh thuca suidhe leis. Dh’fhoillsich e a chreideamh aige agus ghabh iad ris – bha seann choimhearsnachd Iùdhach stèidhichte ann am Medina agus mar sin, ged is e pàganaich a bh' annta, bha na Arabaich a bhuineadh ris an àite nas eòlaiche, agus mar sin nas fosgailte, do ràdhan aon-diathach den t-seòrsa a bha Muhammad a’ teagaisg. Dh’iarr iad air a thighinn dhachaidh còmhla riutha agus iad ag ràdh:

"mu ruigeas ar daoine aonadh fo Dhia, cha bhi neach ann a tha nas cumhachdach na thu"

Agus an dèidh dhaibh cùmhnant a dhèanamh dh’òrdaich Muhammad air an luchd-leantainn aige gluasad bho Mecca gu Medina. ‘S e an “Hijra” an t-ainm a th' aig na Muslamaich air a’ chuairt seo agus tha an mìosachan Muslamaich a’ tòiseachadh bho bhliadhna an Hijra – 622 AC.

Medina[deasaich | deasaich an tùs]

Stèidhichte ann am Medina mar ceannard chuir Muhammad air dhòigh riaghailtean sòisealach, poilitigeach agus laghail a chaidh a chruinneachadh mar rud ris an canar a-nis “Cùmhnant Mhedina”. Tha an aithisg seo a foillseachadh gu bheil coimhearsnachd de dhaoine ann a tha a leantainn Muhammad – se an “umma” an ainm aca. Tha e cuideachd a cuir air adhart inbhe Muhammad mar am prìomh cumhachd anns an coimhearsnachd agus gum beachdadh esan (agus troimhe, Dia) air argamaid no comh-strì sam bith a-measg nan daoine. Cha do ghabh a h-uile duine ris an cùmhnant ùr. Dh’agallaidh Muhammad na Iùdhaich anns an sgìre agus chaidh an càirdeas eatarra a shàrachadh le feadhainn de na treubhan air an tilgeil a mach as am baile. Chrìochnaich an sabaid nuair a chuir Muhammad a h-uile fìrinneach ann an treubh Iùdhach den ainm Banu Qurayza (Clann Qurayza) gu bàs agus rinn e tràillean de na boireannaich agus clann aca. An dèidh seo cha ro àite ann an coimhearsnachd ùr Mhuhammad airson nan Iùdhaich.

Cogadh agus smachd air Arabia[deasaich | deasaich an tùs]

'S e am prìomh chur-seachd de àm Muhammad ann am Medina cogadh. Thairis air ochd bliadhna bha cogadh ann eadar Medina, le Muhammad os a chionn, agus baile Mhecca a bha air eilthireach a dhèanamh dhe. Mu dheireadh rinn Muhammad a chùis agus fhuair e smachd air a' bhaile anns an do rugadh agus thogadh e. Anns an ùine seo chan ann a mhàin an aghaidh Mecca a bha e a' sabaid; fhuair e buaidh air iomadach threubh eile – Iùdhach agus Arabach. A-rèir eachdraidh an t-saoghail air fad 's e an rud as cudromaiche a thachair anns an àm a tha seo gun do thionndaidh Muhammad a shùil gu tuath, seachad air crìochan Arabia. Bha e an dòchas ionnsaigh a dhèanamh air Impireachd an Roimh ach bhàsaich e mus d’fhuair e an cothrom, agus e a fàgail 9 mnathan agus aon choileabach air a chùlaibh. Ach, mu ginealach an dèidh dha caochladh bha an luchd-leantainn aige air cuir às don an Impireachd aosmhor aig Persia agus smachd fhaighinn air a chuid mhòr do dh'Impireachd an Ròimh agus 's ann mar seo a chaidh an Ear-mheadhanach air a bheil sinn eòlach an diugh a chruthachadh.

Aistidhean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]