Ioslam

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Allah.svg
Ioslam
Stèidhichte 622
Dia Allah
Cànan Cràbhach Arabais
Baile Cràbhach Mecca
Leabhraichean Cràbhach An Coran
Neach-stèidheachaidh Muhammad
Thòisich An Ear Mheadhanach
Dùthchannan as trèasa Flag of Indonesia.svg Indonesia
Flag of Pakistan.svg Pagastan
Flag of Bangladesh.svg Bangladais
Flag of Nigeria.svg Nìgeiria
Flag of Egypt.svg An Eipheit
Flag of Iran.svg Iran
Flag of Turkey.svg An Tuirc
Flag of Sudan.svg Sudan
Flag of Algeria.svg Aildiria
Flag of Morocco.svg Maroco

'S e creideamh a tha ann an Ioslam (Arabais: الإسلام) a thoisich Mohammad.

Sgaoil Ioslaim[deasaich | deasaich an tùs]

Anns a' chiad sia linn de dh'eachdraidh Ioslaim, 's e aon de na rudan as mothachail an strì eadar an creideamh ùr ud agus an fheadhainn eile (Crìosdaidheachd agus creideamh Soroaster ann am Persia) a chaill torr is barrachd talamh ris ann an cogaidhean an dèidh do Mohammad agus an sluagh aige tòiseachadh air ceannairc an aghaidh na dùthchannan mun cuairt. Anns a' bhliadhna 600 bha dà Impireachd mhòr, shean agus chumhachdach gun teagamh air gach taobh den roinn ris an canar an Ear Mheadhanach san latha an-diugh;

'S e a' chiad tè dhiubh an impireachd Roimh Earrach, ris an canar 'Byzantium' mar is tric, leis a' phrìomh-bhaile Constantinople (Istanbul anns an Tuirc san latha an-diugh). Ged a thuit an Ròimh agus an impireachd anns an Iar fo sgrios na sean Ghearmailtich, no Gotaich, bha am pàirt seo den impireachd ainmeil ud fhathast beò, làidir agus dha-rìribh cha mhòr cho cumhachdach ris an Roimh aig àm sam bith de dh'eachdraidh. Nas fhaide an ear bha Impireachd Phersia, no Iran, ris an canar an Impireachd Sassanid mar is tric. B' e seo dùthaich eile le eachdraidh a cheart cho aosd ris an Roimh agus gu dearbh tha e duilich àm sam bith a lorg an eachdraidh 'nuair nach robh an da impireachd mhòr seo a' cogadh an aghaidh a chèile. Aig an àm seo bha Afraga a Tuath, gu h-àraid an Èipheit, an talamh far a bheil an Tuirc san latha an-diugh, a' Ghrèig, taobh a deas an Eadailt agus oirthir am meadhan ear fo smachd Constantinople.

Ceangal a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]