Michael Perham

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Mike Perham a' tilleadh bhon iom-sheòladh.

'S e seòladair Sasannach a tha ann am Michael (no Mike) Perham (r. 16 Màrt 1992, Hertfordshire, Sasainn). Tha e ainmeil on a bha e na dhuine a b' òige a dh'iom-sheòl na cruinne-cè leis fhèin.

Iom-sheòladh[deasaich | edit source]

Dh'fhàg Mike Gunwharf Quays, Portsmouth anns a' bhàta totallymoney.com air 15 Samhainn 2008[1]. Sheòl e chun na h-àirde an ear taobh Cape of Good Hope agus Panama Canal. Thug mearachdan-obrachaidh an uidheim aige air stadan a dhèanamh ann an Cascais (a' Phortagail), Las Palmas (Na h-Eileanan Canàrach), Cape Town (Afraga a Deas), Hobart (Tasmania), Auckland (Sealainn Nuadh) agus Panama City (Panama), ach thill e gu Gunwharf Quays air 29 Lùnastal 2009.[2] Ge-tà, mhair an iom-sheòladh ceart (bho phuing air a' chruinne-cè dhan aon phuing a-rithist) o 16 Samhainn 2008 gu 27 Lùnastal 2009, nuair a bha Mike 17 bliadhna agus 164 latha a dh'aois.

B' e an duine a b' òige a iom-sheòl a' chruinne-cè roimhe Mike Zac Sunderland (17 bliadhna, 229 latha, Na Stàitean Aonaichte); agus as dèidh Mike Jessica Watson (Astràilia, 16 bliadhna, 362 latha), a chuir crìoch air an iom-sheòladh aicese air 15 Cèitean 2010.

Sgrìobh Mike leabhar mu dheidhinn an iom-sheòladh aige leis an ainm Sailing the Dream.

Pròiseactan eile[deasaich | edit source]

Ron iom-sheòladh, bha Mike na dhuine a b' òige a sheòl leis fhèin thar a' Chuan Shiar (18 Samhain 2006 – 3 Faoilleach 2007). As dèidh sin, chaidh e leis fhìn timcheall an t-saoghail anns a' chàr, agus tha planaichean aige a-nis ri dhol leis fhìn timcheall air a' phlèana. Tha e cuideachd a' gabhail òraidean agus a' togail airgead airson carthannasan man Tall Ships Youth Trust no ShelterBox.

Faic cuideachd[deasaich | edit source]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. BBC: Young sailor starts world voyage, 15/11/2008
  2. BBC: Hero's welcome for young sailor, 29/78/2009

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]