Fernão de Magalhães

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Ferdinand Magellan

B' e maraiche agus rannsachair a bha ann am Fernão de Magalhães (Sabrosa 1470 - Mactan 1521).

Rugadh e anns a' Phortagail agus bha e iomadh bliadhna 'san t-seirbhis rioghail. Chosnaich e urram 'san t-seirbhis sin anns na h-Innsean Searach agus chaidh a leòn ann am Morocco. Dh'fhàgadh esan le càs cham agus gun meas ach culaidh-mhagaigh an suil Rìgh Immanuel. Chaidh Magalhaens as àicheadh a h-aiteachadh Portugaich agus thairgse e a sheirbhisean ri Rìgh na Spainne.

Bha esan a' creidsinn gum bhitheadh slighe do na Molucaich seachad air Mòr-Thir Aimeireaga a Deas. Thugadh cabhlach de còig luing dha còmhla le feachd de 250 daoine is rinn e air an Iar an 1519.

Lorgadh caolais eadar Ameireaga a Deas agus Tierra del Fuego, ris an chanar Caolais Mhagalhaeins an-diugh. Bhèat a luingean tron Chaolais seo fad 17? laithean, mun do dh'fhosgail cuan eile a roimhe. Chuir Magalhaens An Cuan Sìth air an fharraige seo air sgàths an faireachdainn siòchan a thàinig air nuair a chaidh a ruigsinn.

A chumail dhan iar, lorg e na h-Eileanan Filipineach far an deach buidheann aigesan a mach le buidheann tùsanaich. Mharbhadh esan anns an t-sabaid. As deidh an t-uabhas seo chum a sgioba nan seòladh dhan iar fo stiùir a h-iar-cheannard anns a long-bhrataich Victoria . Ràinig iad air an Spàinn ann an 1522 aig deireadh a chiad cuairt-sheòladh na cruinne an eachdraidh clann dhaoine.

Ceanglaichean a-mach