Lus

O Uicipeid
Seòrsachan eadar-dhealaichte de lusan

Is docha tha sibh a' lorg Lus, Earra-Ghàidheal

'S e lus no luibh fàs-bheairt ioma-ceallach anns an rìoghachd Plantae.

Tha na lusan a' gabhail a-steach lusan flùranach (flùraichean is craobhan), craobhan-durcain, rainich, còinneachan, earbaill-eich agus caochladh lusan prìomhadail eile.

An crochadh air a' mhìneachadh, faodar lìrean (alga uaine) a mheasadh mar lusan cuideachd, an coimeas ri alga ruadh is donn, no fungas.

Bithidh a' mhòr-chuid a' cleachdadh foto-cho-chur a dhèanamh biadh bho shoillse na grèine.

Tha lusan cudromach mar bhiadh (gu h-àraid gràinean, measan is glasraich), cungaidhean-leighis, agus sgeadachadh.

'S e sgrùdadh saidheansail nan lus a tha ann an lus-eòlas.


Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]